Fiosrachadh

Graphiic: Fòram Gàaidhlig Shiaboist

Plana Gàidhlig Shiaboist

Chaidh Plana Gàidhlig Shiaboist a chur air dòigh le muinntir na sgìre fhèin a thàinig còmhla gus “Fòram Gàidhlig Shiaboist” a stèidheachadh còmhla ri riochdairean o Bhòrd na Gàidhlig, Comunn na Gàidhlig agus buidhnean Gàidhlig eile.

Chaidh am Fòram a stèidheachadh an dèidh ‘Latha Gàidhlig Shiaboist’ far an deach fiosrachadh a thoirt dhan choimhearsnachd air staid na Gàidhlig an Siabost, a’ leantainn rannsachadh a bh’ air a dhèanamh.

Bhon uair sin tha am Fòram air mòran obrach a dhèanamh a’ comharrachadh nam prìomh raointean obrach far an tèid a’ Ghàidhlig fhoillseachadh san sgìre.

Taobh a-staigh na duilleig sa chì sibh diofar chur-seachadan, bùithtean-obrach is tachartasan eile a thèid an lìbhrigeadh sna mìosan air thoiseach oirnn agus cò iad na buidhnean air am bheil uallach an lìbhrigeadh.

‘S iad Donna NicIllinnein (Cathraiche); Kathleen Shirkie; Angela NicLeòid; Lena NicGilliosa; Rodaidh Moireasdan agus an Comhairliche Coinneach Moireach buill an Fhòram.

Thuirt Donna NicIllinnein,

“An dèidh cluinntinn cho cugallach agus a tha a’ Ghàidhlig sa choimhearsnachd, dh’aontaich sinn gu feumar rudeigin a dhèanamh. Stèidhich sinn am Fòram gus obrachadh le buidhnean leasachaidh eile gus tuilleadh chur-seachadan, bùithtean-obrach agus tachartasan eile a chur air dòigh, a bhiodh air an cumail tron Ghàidhlig.

Tha sinn air am Plana a stèidheachadh a-nis agus an dòchas agus an dùil gun gabh muinntir na sgìre brath air na cothroman gus beagan spòrs is beagan chur-seachadan fheuchainn agus aig an aon àm a’ neartachadh cor na Gàidhlig sa choimhearsnachd.

Tha rudan ann do shean is òg, fileantaich is luchd-ionnsachaidh agus tha sinn airson a h-uile duine fhaicinn a’ gabhail pàirt.  Tha sinn cuideachd a’ lorg tuilleadh dhaoine bho air feadh na sgìre a tha deònach pàirt a ghabhail air an Fhòram gus cùisean a thoirt air adhart, a thaobh na Gàidhlig san sgìre.”

Airson tuilleadh fiosrachaidh mun Fhòram cuir fios gu Donna NicIllinnein air fios@siabost.co.uk no 710 689.

 

Shawbost Gaelic Plan

The Shawbost Gaelic Plan was drawn up by community representatives who came together to form the ‘Shawbost Gaelic Forum’, along with representatives from Bòrd na Gàidhlig, Comunn na Gàidhlig and other Gaelic agencies.  

The Forum was formed following a Gaelic Open Day held in Shawbost where the findings of research carried out by Bòrd na Gàidhlig on Language Attitude, Use and Ability in Gaelic in Shawbost were published.  

Since then, the Forum has worked hard to identify the main priority areas where Gaelic will be promoted.  

Inside this leaflet you will see the activities/actions which will be delivered in the coming months and the agencies responsible for delivering them.  

The members of the Forum are Donna Maclennan (Chair), Kathleen Shirkie, Angela Macleod, Lena Gillies, Roddy Morrison and Cllr Kenneth Murray.  

Donna Maclennan, said,

“On learning of the precarious state of Gaelic in the community, we agreed that we would have to do something.

  The Forum was formed to work with other development agencies to try and stimulate activities in the community where Gaelic would be the working language.  

We have drawn up this plan of activities and we now hope that those in the community with an interest in the language will participate in the various activities and have fun whilst at the same time helping to strengthen the language in the community.  

There are activities for everybody, be they young or old, fluent speakers or learners, and we want to see all sections of the community taking part.  We are also looking for more people from the community who are willing to join our Forum to do further Gaelic development work in the area.”  

For more information about the Forum please contact Donna Maclennan on fios@siabost.co.uk or 710 689.

 

Go to the news page