Ag obair Còmhla

Ag obair Còmhla

Ag obair Còmhla

Rinn Tàirneanaich, a tha air an ruith le Iomairt Ghàidhlig Iar Thuath Leòdhais,  is daoine co-cheangailte ri Tàirneanaich ‘bag-pack’ aon Disathairne san Giblean gus airgead a thogail do Chlann an Latha an Dè airson an turas aca, chaidh £644.90 a thogail le seo.  Cuideachd, chuir Tàirneanaich consairt beag air dòigh anns a Mhàirt a thog iAd £214 don bhuidheann. Thug iAd an seic seachad bho chionn ghoirid, seo as deidh dhaibh sreap suas Beinn Bhràgair!

Tha e uabhasach math gu bheil an dà bhuidheann seo a’ cuideachadh a chèile & ag obair còmhla cho soirbheachail!

 

Tàirneanaich, Iomairt Ghàidhlig Iar Thuath Leòdhais’ Gaelic youth group, along with parents and others involved with the group have been busy fundraising to help send local group ‘Clann an Latha an Dè’ off on their annual trip to the mainland.  The group organised an held a ‘bag packing’ day at the co-op where they raised £644.90 for the group.  Tàirneanaich also held an afternoon concert in March to raise funds, and £214 was collected here. The group handed over the cheque to Clann an Latha an Dè recently after a morning climb up Beinn Bhràgair!

It is fantastic to see the older and younger generations working together and supporting each other so successfully!

Ag Obair Comhla

Tàirneanaich Soirbheachail aig FilmG!!

Film G awards 2014 photographed by Alan PeeblesBhuannaich Tàirneanaich an roinn ‘Coimhearsnachd aig Cùirm Duaisean FilmG an Glaschu air Dihaoine 14 Màirt 2014.

Abair gun do rinn iad math agus iad cho spaideal air an oidhche cuideachd!! Faic http://siabost.co.uk/2014/03/na-tairneanach-aig-filmg/ airson tuilleadh fiosrachaidh agus na fiolmaichean fhaicinn.

Tàirneanaich won the Best film in the  ‘Community’ section of the FilmG Awards which were held in Glasgow on Friday 14th March 2014.

A fantastic achievement for the group and didn’t they look very swish! For more information and to view the films follow the following link: http://siabost.co.uk/2014/03/na-tairneanach-aig-filmg/

AP_Film G awards 52

 

Na Tàirneanaich aig FilmG

14/03/2014

Gur math a thèid leis a’ bhuidheann òigridh againn, Tàirneanaich, ’s iad aig duaisean FilmG a-nochd ann an Glaschu. Tha iad air a’ gheàrr-liosta airson ‘Cluich as Fheàrr’ agus ‘Film Coimhearsnachd as Fheàrr’.

Tuilleadh fiosrachaidh aig http://filmg.co.uk/gd/films/filmg2014/shortlists/open.

Good luck to our youth group Tàirneanaich’ as they attend the FilmG awards in Glasgow this evening. They have been shortlisted for in the ‘Best Performance’ and ‘Best Community Film’ categories.

 More information at http://filmg.co.uk/gd/films/filmg2014/shortlists/open.

 

Suirghe leis na Siaraich: Pàirt 1
Tàirneanaich

Am buidheann òigridh ‘Tàirneanaich’ a tha air an ruith le Iomairt Ghàidhlig Iar Thuath Leòdhais, leis an dealbh chluiche aca ‘Suirghe leis na Siaraich’ – prògram tbh far a bheil fear a’ lorg ‘deit’!

The young youth group Tàirneanaich which is run by Iomairt Ghàidhlig Iar Thuath Leòdhais with their play Suirghe leis na Siaraich – a T.V. program where a man is searching for a date.

Suirghe Leis na Siaraich: Pàirt 2
Tàirneanaich

Am buidheann òigridh ‘Tàirneanaich’ a tha air an ruith le Iomairt Ghàidhlig Iar Thuath Leòdhais, leis an dealbh chluiche aca ‘Suirghe leis na Siaraich’ – prògram tbh far a bheil tè a’ lorg ‘deit’!

The young youth group Tàirneanaich which is run by Iomairt Ghàidhlig Iar Thuath Leòdhais with their play Suirghe leis na Siaraich – a t.v program where a woman is searching for a date.

“Coimhearsnachd, Dualchas is Turasachd na Gàidhlig” 2013

       Shawbost_Community_(c)_Daily_Record 

           Coimhearsnachd Shiaboist a’ togail duais,  “Coimhearsnachd, Dualchas is Turasachd na Gàidhlig2013

 Tha Comunn na Gàidhlig (CnaG) a’ cur meal-a-naidheachd air Iomairt Ghàidhlig Iar Thuath Leòdhais, Fòram Shiaboist agus Marina Mhoireach, Oifigear Leasachaidh na sgìre.  Chaidh  duais “Coimhearsnachd, Dualchas is Turasachd” a bhuileachadh air sgìre Shiaboist ann am farpais “Duaisean Gàidhlig na h-Alba 2013” a chuireadh air dòigh le Media Scotland le taic bho Bhòrd na Gàidhlig.

 Tha Duaisean Gàidhlig na h-Alba ag aithneachadh sàr oidhirpean is soirbheachadh ann an saoghal is cultar nan Gàidheal, agus iad a’ dèanamh follaiseach an saothair a thathar a’ dèanamh gus cor is dualchas a’ chànain a chumail suas.

 Chaidh Coimhearsnachd Shiaboist a chur air adhart airson na duais seo le diofar dhaoine, agus iad a’ togail air an t-sàr obair a tha a’ dol air adhart sa choimhearsnachd, gu sònraichte pròiseactan far a bheil an fheadhainn as òige agus feadhainn nas sine san sgìre ag obair còmhla air diofar phròiseactan. Bha deagh eisimpleir dhan seo aca far an robh a’ bhuidheann òigridh, “Tàirneanaich” is Comunn Eachdraidh an Taobh Siar a’ gabhail cuairtean, fad seachdain, air feadh na sgìre agus buill a’ Chomuinn Eachdraidh a’ mìneachadh dhan òigridh, ainmean is eachdraidh na sgìre dhaibh.  Chaidh bhideo a dhèanamh de na diofar chuairtean agus chaidh an reic gus airgead a thogail dhan Chomunn Eachdraidh.  Bha an òigridh an sàs anns a h-uile pìos den phròiseas ann a bhith a’ dèanamh a’ bhideo, a’ togail sgilean ùra bho eòlaichean.  Thairis air an dà bhliadhna a chaidh seachad bha Fòram Shiaboist air a bhith a’ cur diofar thachartasan air adhart sa choimhearsnachd, gu sònraichte dhan òigridh, ach cuideachd, coinseartan agus diofar bhùithtean-obrach do mhuinntir na coimhearsnachd. 

 A thuilleadh air coimhearsnachd Shiaboist a bhith a’ togail duais, “Coimhearsnachd, Dualchas is Turasachd” bha Iomairt Ghàidhlig Iar Thuath Leòdhais air ainmeachadh am measg nan trì tagraidhean a chaidh air adhart chun chuairt dheireannach airson, “Sàr Dhuais na Gàidhlig”.  Chaidh a chur air adhart airson an obair a tha e an sàs ann, aig ìre coimhearsnachd, an Iar Thuath Leòdhais, bho Nis gu Carlabhagh.  

 Thuirt Dòmhnall MacNèill , Ceannard ChnaG, “Tha mi airson meal a naidheachd a chur air Iomairt Iar Thuath Leòdhais, Fòram Shiaboist agus muinntir Shiaboist fhèin airson an duais a tha seo a thogail.  Tha mi a’ smaoineachadh gu bheil an eisimpleir a th’ againn ann an Siabost a’ sealtainn na ghabhas a dhèanamh ann an sgìre nuair a thèid goireasan a chuir innte agus air a tha deagh rùn aig buidhnean agus daoine a bhith ag obair còmhla gus maith na coimhearsnachd  is maith na Gàidhlig.  Tha seo cuideachd na dhearbhadh gu bheil na h-Iomairtean Gàidhlig, a th’ air am maoineachadh le Bòrd na Gàidhlig, ag obair, gu bheil iad èifeachdach agus gu bheil iad da-rìribh a’ dèanamh diofar anns na coimhearsnachdan. Tha mi a’ cur meal a naidheachd air Marina Mhoireach , Oifigear Iomairt Iar Thuath Leòdhais airson a h-obair an lùib na h-Iomairt.  Bu mhath leam cuideachd meal a naidheachd a chuir air a h-uile duine is buidheann eile a chaidh an cuir air adhart airson duais san fharpais.”

 Tha ochd Iomairtean Gàidhlig anis stèidhichte ann an diofar seòrsa choimhearsnachd air feadh Alba. Tha còig ann an sgìrean dùthchail, leithid Leòdhas, Uibhist, An t-Eilean Sgitheanach, Loch Abar agus Ìle is Diùra agus trì ann am bailtean mòra, Inbhir Nis, Glaschu is Dùn Èideann.  Bithidh gach Iomairt ga ruith le buidheann-stiùiridh le buill a’ tighinn bhon choimhearsnachd fhèin agus bidh iad a’ faighinn buidseat-leasachaidh agus ùine oifigear leasachaidh.

 Tha CnaG an ceartuair, le taic bho Bhòrd na Gàidhlig, Comhairle nan Eilean Siar, Comhairle Earra-Ghàidheal is Bhòid, Comhairle Baile Ghlaschu, agus Comhairle Baile Dhùn Èideann. a’ sireadh tuilleadh oifigearan òigridh is coimhearsnachd gus cuir ris an lìonradh.

 

                           Shawbost Community awarded “Community, Heritage and Tourism Gaelic Award” 2013

 Comunn na Gàidhlig (CnaG) congratulates Iomairt Ghàidhlig Iar Thuath Leòdhais, the Shawbost Forum and Marina Murray, the Development Officer on winning the “Community, Heritage and Tourism Gaelic Award” 2013.  This was awarded to the Shawbost Community at the inaugural Gaelic Awards ceremony held at the Royal Botanic Gardens in Edinburgh on 20th November.  

 The Gaelic Awards competition, which was organised by Media Scotland with support from Bòrd na Gàidhlig, looks to reward all aspects of the Gaelic language and culture across Scotland and to highlight the excellent work being undertaken.  Awards also recognise ability, achievement, contribution, effort and excellence.

The Shawbost Community received a number of nominations for the award especially for the inter-generational projects which have been undertaken as part of its work.  For example, the local youth group “Tàirneanaich” organised walks throughout the area with adults from Comunn Eachdraidh an Taobh Siar informing them of the history of the area and its placenames.  The whole process was captured on video which was sold to raise funds for the historical society.  Over the last two years the Shawbost Forum has run a number of events, especially for the younger members of the area, and also concerts and workshops for the whole community.

 Iomairt Ghàidhlig Iar Thuath Leòdhais was also one of the three finalists for the ‘Best Contributor” Award in recognition of the work done in the North Lewis area – from Ness to Carloway.

 Donald Macneil, the CnaG Chief Executive,  “I wish to congratulate  Iomairt Iar Thuath Leòdhais, the Shawbost Forum and the people of Shawbost themselves for this award.   I think the example of Shawbost shows us what can be done in a community when they are provided with the means and there is a willingness for organisations and individuals to work together for the benefit of the community and the Gaelic language.  This also proves that the initiatives which are funded by Bòrd na Gàidhlig, are effective and are making a difference in communities.  I wish to congratulate Marina Murray, the officer for Iomairt Iar Thuath Leòdhais for her work on behalf of the Iomairt. I would also like to congratulate all the other winners and nominees in the competition.”

 There are now eight Iomairtean Gàidhlig in different communities – five in rural areas such as Lewis, Uist, Skye, Lochaber and Islay and Jura as well as three in cities – Inverness, Glasgow and Edinburgh.   Each Iomairt is run by a committee with community representatives, a development budget  and a development officer. 

 CnaG, with support from Bòrd na Gàidhlig, Comhairle nan Eilean Siar, Argyll and Bute Council, Glasgow City Council, and Edinburgh City Council is currently seeking more youth and community officers to add to the network.

Mod Phaislig

drama_dressed

 

Tha am buidheann òigridh ‘Tàirneanaich’ a tha air an ruith le Iomairt Ghàidhlig Iar Thuath Leòdhais, air a bhith air leth trang thairis na mìosan a chaidh seachad is iad ag ullachadh dealbh cluiche agus a’ togail airgid airson a dhol chun a Mhòid Nàiseanta Rìoghail ann am Pàislig leis!

Chaidh cùisean glè mhath dhaibh aig is iad a’ toirt dhachaigh copan ‘John Niven Anderson Memorial’ airson dealbh cluiche fo aois 19 bliadhna airson an dealbh cluich againn, ‘Suirghe Leis Na Siaraich’.  Rinn iad uabhasach math agus tha sinn gu math pròiseal anns an oidhirp aca agus anns a h-uile duine bhon a sgìre a ghabh pàirt anns na diofar farpaisean, ‘s math a rinn sibh uile!

Am measg nan tachartasan a bh’aca gus airgead a thogail bha; buffet ‘s ceilidh san seann sgoil, consairt ann am Borgh, a’ reic bèicearachd san sgoil agus chaith iad feasgar ‘busking’ ann an Steòrnabhagh!  Bha seo gu lèir air a dhèanamh tro mheadhan na Gàidhlig gus cothrom a thoirt don chloinn an cuid Gàidhlig a leasachadh ’s a leudachadh anns a’ choimhearsnachd.

Bha an t-àm ann airson dèanamh air Pàislig an uairsin agus a h-uile duine air an dòigh glan a bhith còmhla ri chèile sa bhaile mhòr.  Bha tìde ann airson tachartasan a bharrachd air a bhith an sàs sa’ Mhòd! Bha spòrs gu leòr ann an Xscape – na dodgems air an cleachdadh gu math an sin am measg rudan eile agus bha na bùthtean a’ còrdadh ris na màthraichean gu sònraichte!

Bu chaomh leinn taing mhòr a thoirt don a h-uile duine a thàinig a-mach chun na tachartasan againn ron a’ Mhòid, don a h-uile duine a chuidich sinn agus cuideachd, taing mhòr a thoirt do na buidhnean a thug taic-airgid dhuinn a chuidich le cosgaisean an turas, ‘s iad – MG ALBA, Comhairle nan Eilean Siar, Na Comhairlaichean ionaideal, Clann an Latha an Dè agus Comhairle pàrantan Sgoil Shiaboist.

Thuirt Ceitidh NicGilliosa:     ‘Tha e a’ còrdadh ruim gu mòr a bhith an sàs ann an Tàirneanaich, tha tòrr spòrs againn còmhla.  Bha e math an cothrom fhaighinn a dhol chun a’ Mhòid Nàiseanta leis an dealbh cluich againn agus chòrd e ris a h-uile duine gu mòr!’

Thuirt Duncan Shirkie:   Chòrd an turas gu Pàislig rium oir ‘s e seo a chiad turas agam falbh gu Mòd Nàiseanta. Bha tòrr spòrs againn a dèanamh an dràma agus chòrd e rium a bhith còmhla ris a h-uile duine. Bha sinn toilichte nuair a bhuanaich sinn. Taing mhòr dha Marina agus Iain Murdo agus a h-uile duine a chuidich sinn.

mod groupfeatured1

 

The Gaelic youth group, Tàirneanaich, which is run by Iomairt Gàidhlig Iar Thuath Leòdhais have been very busy over the past few months, practising their play and fundraising in preparation for their trip to the Royal National Mod in Paisley.

Tàirneanaich did extremely well with ‘Suirghe Leis na Siaraich’, taking home the ‘John Niven Anderson Memorial Cup’ for winners of the under 19 play. We are very proud of them and of all those from the area who took part and did so well in the various competitions.

Some of the fundraising efforts included: a family ceilidh/buffet in Shawbost Old School, a concert at Clan MaQuarrie in Borve, a bake sale in Shawbost School and busking in Stornoway.  Gaelic was the language used at these events which gave the group the opportunity to improve and develop their language skills in a community setting.

It was time to set off for Paisley and the Mod. There was some free time for activities as well and the dodgems at Xscape were thoroughly enjoyed by all and the shopping was a big hit with the mums.

We would like to thank everyone who supported our fundraising efforts and helped out in so many ways. We are also indebted to those groups whose donations helped fund our trip –   MG ALBA, Comhairle nan Eilean Siar, Local Councillors, Clann an Latha an Dè and Shawbost School Parent Council

Katie Gillies “I really enjoy being involved in Tàirneanaich, we have a lot of fun together.  It was great to be able to go to the National Mod with our play, everyone enjoyed it very much”.

Duncan Shirkie  “I enjoyed the trip to Paisley; it was my first time at the National Mod.  We had a lot of fun with the drama and I enjoyed being with everyone.  We were very happy when we won. Many thanks to Marina and Iain Murdo and all those who helped us”.