Bileag Fiosrachaidh Shiaboist

Shawbost Bilingual Booklet

Leabhran ùr

 A’ leantainn rannsachadh mu staid na Gàidhlig ann an Siabost bho chionn 2-3 bliadhna air ais, chaidh plana gnìomh (Plana Gàidhlig Shiaboist) a chuir ri chèile agus fhoillseachadh bho chionn bliadhna gus feuchainn ris a’ Ghàidhlig a neartachadh anns an sgìre.  Chaidh seo a dhèanamh leis a’ choimhearsnachd còmhla ri Iomairt Ghàidhlig Iar Thuath Leòdhais le taic bho Bhòrd na Gàidhlig.  Bhon uair sin tha iomadh tachartas air àite a ghabhail.

Bho chionn ghoirid, chaidh bileag fiosrachaidh mu bhaile Shiaboist a dhealbh gu sònraichte le sùil air luchd-turais.  Anns a’ bhileag gheibhear fiosrachadh bunaiteach mun choimhearsnachd, le aireamhan fòn feumail de dhiofar gnìomhachasan stèidhte sa choimhearsnachd agus dealbhan den bhaile.  Agus, tha a h-ùile cail a tha seo air a tharraing ri chèile ann am bileag dathach, tarraingeach, dà chananach.

Chaidh a’ bhileag a tharraing ri chèile le com-pàirteachas eadar a’ buidheann leasachaidh coimhearsnachd, Horsiadar, a’ chompanaidh foillseachaidh, Acair agus Iomairt Ghàidhlig Iar Thuath Leòdhais,

Se buidheann leasachadh coimhearsnachd a th’ ann an Urras Leasachadh Coimhearsnachd Horsiadar agus ‘s iad a cho-òrdanich am fiosrachadh ionadal airson na bileige.

Se companaidh foillseachaidh, steidhte an Steòrnabhagh a th’ ann an Acair, agus ‘s iadsan a rinn an obair dealbhachaidh air fad air a’ bhileag agus ‘s iad a thog na dealbhan camara as ùr airson na bileige.

Chaidh Iomairt Ghàidhlig Iar Thuath Leòdhais a’ steidheachadh gus cor na Gaidhlig a leasachadh sa neartachadh san sgìre eadar Nis agus Carlabhagh. ‘S iadsan a dh’ eadar-theangaich a’ bhileag agus a mhaoinich am pròiseact.

Thathas an ceartuair a’ sgaoileadh a’ bhileag air feadh an Eilean ach le sùil sònraichte air àiteachan frithealaidh luchd-turais.

 

Welcome leaflet

Following research on the level of usage of Gaelic in Shawbost, 2-3 years ago, an action plan was prepared by the community, in partnership with Iomairt Ghàidhlig Iar Thuath Leòdhais and Bòrd na Gàidhlig and was launched a year ago in an attempt to strengthen Gaelic in the community.  Since then, many events have taken place to try and enhance to role of Gaelic in the community.

As part of the community action plan, an information booklet with lots of local information about Shawbost and the wider community has recently been produced, aimed primarily at visitors and tourists to the area.  The booklet contains general information about the community, contact numbers for businesses in the area as well as photographs and a map of the area.  And all this in a colourful, attractive, bilingual booklet.

The booklet was produced by a partnership consisting of Horshader Development Trust, Acair and Iomairt Ghàidhlig Iar Thuath Leòdhais.

Horshader Development Trust was formed to stimulate development in the local community and was responsible for co-ordinating the information for this new booklet.

Acair is a Gaelic book publisher, based in Stornoway and they designed the booklet and supplied original pictures.

Iomairt Ghàidhlig Iar Thuath Leòdhais was established to strengthen and develop Gaelic in the Ness to Carloway area.  The Iomairt translated the booklet and funded the project.

The booklets are now being dispersed all over the island but aimed particularly at local tourism outlets.

Tairneanaich a’ beicearachd

Tairneanaich a' beicearachd

Tha dùil aig am buidheann òigridh Tàirneanaich a th’air an ruith le Iomairt Ghàidhlig Iar Thuath Leòdhais, an dùil an dealbh chluich aca ‘Suirghe ann an Siabost’ a thoirt chun Mhòd Nàiseanta ann am Pàislig san Dàmhair am bliadhna. Tha a’ chlann fhèin air a thighinn an àirde le dòighean gus airgead a chruinneachadh airson an turais agus ag obair còmhla ri Marina Mhoireach gus na pròiseactan beaga sin a choileanadh.

Bho chionn ghoirid, chaidh tachartas bèicearachd a chur air dòigh as dèidh na sgoile, dh’ullaich a’ chlann rockbuns, krispy cakes,malteser cakes agus cupcakes. Fhuair iad stiùireadh agus cuideachadh bho Karina Mhoireach, tè a tha gu math ainmeil airson na sgilean bèicearachd aice. Reic a’ chlann am bèicearachd an ath latha anns an sgoile gus airgead a thogail.

Bha seo gu lèir air a dhèanamh tro mheadhan na Gàidhlig gus cothrom a thoirt don chloinn an cuid Gàidhlig a leasachadh ’s a leadachadh anns a’ choimhearsnachd.

Cùm sùil a-mach airson gnìomhan Tàirneanaich sna mìosan ri thighinn, is iad gu bhith gu math trang!

Shawbost Bake Sale

Gaelic youth group Tàirneanaich, rùn by Iomairt Ghàidhlig Iar Thuath Leòdhais, hope to travel to the National Mod in Paisley this year to perform their play ‘Suirgh ann an Siabost’. The children  have come up with various fundraising ideas themselves to raise money for the trip and are working with Marina Murray to accomplish these activities.

Recently an event was organised by the Iomairt where the group were given guidance by well known cake designer Karina Murray, on how to bake cup cakes, rock buns, malteser cakes and krispie cakes.  The children successfully sold the baking the following day during break times in school to raise funds.

This was all delivered through the medium of Gaelic which helps to develop language skills and gives the children the confidence to use Gaelic in an informal community setting.

Keep an eye out for more of Tàirneanaich’s activities over thè coming months, they’re going to be busy!