Tairneanaich a’ beicearachd

Tairneanaich a' beicearachd

Tha dùil aig am buidheann òigridh Tàirneanaich a th’air an ruith le Iomairt Ghàidhlig Iar Thuath Leòdhais, an dùil an dealbh chluich aca ‘Suirghe ann an Siabost’ a thoirt chun Mhòd Nàiseanta ann am Pàislig san Dàmhair am bliadhna. Tha a’ chlann fhèin air a thighinn an àirde le dòighean gus airgead a chruinneachadh airson an turais agus ag obair còmhla ri Marina Mhoireach gus na pròiseactan beaga sin a choileanadh.

Bho chionn ghoirid, chaidh tachartas bèicearachd a chur air dòigh as dèidh na sgoile, dh’ullaich a’ chlann rockbuns, krispy cakes,malteser cakes agus cupcakes. Fhuair iad stiùireadh agus cuideachadh bho Karina Mhoireach, tè a tha gu math ainmeil airson na sgilean bèicearachd aice. Reic a’ chlann am bèicearachd an ath latha anns an sgoile gus airgead a thogail.

Bha seo gu lèir air a dhèanamh tro mheadhan na Gàidhlig gus cothrom a thoirt don chloinn an cuid Gàidhlig a leasachadh ’s a leadachadh anns a’ choimhearsnachd.

Cùm sùil a-mach airson gnìomhan Tàirneanaich sna mìosan ri thighinn, is iad gu bhith gu math trang!

Shawbost Bake Sale

Gaelic youth group Tàirneanaich, rùn by Iomairt Ghàidhlig Iar Thuath Leòdhais, hope to travel to the National Mod in Paisley this year to perform their play ‘Suirgh ann an Siabost’. The children  have come up with various fundraising ideas themselves to raise money for the trip and are working with Marina Murray to accomplish these activities.

Recently an event was organised by the Iomairt where the group were given guidance by well known cake designer Karina Murray, on how to bake cup cakes, rock buns, malteser cakes and krispie cakes.  The children successfully sold the baking the following day during break times in school to raise funds.

This was all delivered through the medium of Gaelic which helps to develop language skills and gives the children the confidence to use Gaelic in an informal community setting.

Keep an eye out for more of Tàirneanaich’s activities over thè coming months, they’re going to be busy!

Plana Gàidhlig Shiaboist

Clann ShiaboistPlana Gàidhlig Shiaboist

A’ leantainn rannsachadh mu staid na Gàidhlig ann an Siabost bho chionn 2-3 bliadhna air ais, chaidh plana gnìomh (Plana Gàidhlig Shiaboist) a chuir ri chèile agus fhoillseachadh bho chionn bliadhna gus feuchainn ris a’ Ghàidhlig a neartachadh anns an sgìre.

Chaidh seo a dhèanamh leis a’ choimhearsnachd còmhla ri Iomairt Iar Thuath Leòdhais le taic o Bhòrd na Gàidhlig.

Bhon uairsin tha iomadh tachartas air àite a ghabhail agus buidhnean coimhearsnachd às ùr air an stèidheachadh, mar eisimpleir Tàirneanaich is Sradagan.

Tha fiosrachadh mu na tachartasan air am foillseachadh air làrach-lìn Plana Gàidhlig Shiaboist www.siabost.co.uk.

Thathas air prìomhachas a thoirt do obair òigridh agus tha mòran thachartasan air a bhith ann rè na bliadhna a’ toirt cothroman dhan òigridh an cuid Gàidhlig a cleachdadh agus a gleusadh agus sgilean ùr ionnsachadh ann an suidheachaidhean neo fhoirmeil, fiosrachail taobh a-muigh na sgoile.

Thuirt Ceannard Sgoil Shiaboist, Iain G Dòmhnallach,

Tha na tidsearan air mothachadh gu bheil sgilean labhairt na cloinne air a thighinn air adhart gu mòr tro bhith a’ gabhail pàirt anns na pròiseactan seo. Tha sinne den bheachd, ma tha sgilean labhairt gan àrdachadh, gu bheil a h-uile sgil cànain eile a’ tighinn air adhart cuideachd.

Tha a’ chlann air innse dhomh gu bheil an obair a tha air a bhith a’ dol thairis air an dà bhliadhna mu dheireadh air misneachd a thoirt dhaibh airson a bhith a’ cleachdadh na Gàidhlig ann an diofar shuidhichidhean, san sgoil agus air taobh a-muigh na sgoile.

Tha sinn an dòchas gu lean an obair ionmholta seo anns an sgìre againn anns na bliadhnachan a tha romhainn, agus gu faigh sibh an cothrom na freumhaichean torrach seo a chur sìos ann an sgìrean eile cuideachd.

Chaidh cuideachd cothroman ionnsachaidh is cleachdaidh ùr a chur air dòigh do inbhich, mar eisimpleir, bùthan-obrach air diofar chuspairean inntinneach leithid còcaireachd agus bòidhchead agus fiù’s seirbheiseachadh charbadan!

Tha gach cuid fileantaich is luchd-ionnsachaidh air a bhith a’ frithealadh na bùthan-obrach sa agus tha na cothroman sa dol a leantainn air adhart leis cho soirbheachail ’s a bha iad.

Ann a bhith a’ cur a’ phlana gnìomh an cèill, thathas air taic fhaighinn bho na buidhnean choimhearsnachd, Sgoil Shiaboist agus bho mhuinntir Shiaboist air fad.

Tha an iomairt a’ toirt cothrom do chlann agus inbhich bhon sgìre tighinn còmhla, rud a tha na dheagh bhuannachd dhan òigridh a thaobh a bhith a’ leasachadh cànain.

Thuirt Ceannard Bòrd na Gàidhlig, Iain Aonghas MacAoidh,

Tha e a’ toirt misneachd dhuinn an soirbheachas a thathar air fhaicinn tro ghnìomhan Phana Gàidhlig Shiaboist is ‘s e ceum glè chudromach a’ th’ ann an leasachadh na Gàidhlig.

’S e deagh eisimpleir a th’ ann an Siabost air co-obrachadh le muinntir na sgìre a’ tighinn còmhla gus an cànan aca a ghleidheadh.

Tha coimhearsnachdan far a bheil a’ Ghàidhlig air a cleachdadh deatamach don Ghàidhlig ann an Alba anns an àm a tha ri teachd agus ’s e luchd-labhairt na Gàidhlig an stòras as prìseile a th’ ann airson an cànan a chumail beò.

Dh’ iarramaid air coimhearsnachdan eile eisimpleir Shiaboist a leantainn gus Gàidhlig a neartachadh air feadh na dùthcha.

Gus a’ choimhearsnachd a chumail an àirde ri na tha air a bhith a’ tachairt sna mìosan a chaidh seachad, agus na tha ri thighinn sna mìosan air toiseach oirnn, bithear a’ sgaoileadh an darna Cuairt-Litir coimhearsnachd a dh’aithghearr.

A thuilleadh air a’ Chuairt-Litir, feuch gun tadhal sibh air an làrach-lìn, www.siabost.co.uk airson na naidheachdan as ùire agus fios mu thachartasan agus iomairtean a tha a’ dol air adhart.

 

Shawbost Gaelic Plan

Following research carried out on the state of Gaelic in Shawbost, an action plan “The Shawbost Gaelic Plan” was produced and published in 2012.

The plan, which was developed by the community and Iomairt Ghàidhlig Iar Thuath Leòdhais with support from Bòrd na Gàidhlig, aims to strengthen Gaelic in the community.

Since its introduction, many events have taken place and a range of new groups have been established.

Information about youth groups such as Tàirneanaich and Sradagan is available on the Plana Gàidhlig Shiaboist website –  www.siabost.co.uk

Priority has been given to youth work with many events taking place this year which have enabled young people to use and develop their Gaelic and learn new skills in informative, informal settings outwith the school setting.

Headmaster of Shawbost Community School, Ian G MacDonald said:

The teachers have noticed that the children’s communication skills have improved significantly as a result of taking part in these projects. 

We believe every aspect of a child’s language skills are improved when communication skills are developed.

The children have told me that the work that has been going on for the last two years has given them the confidence to speak Gaelic in different situations, in school and in the community.

We hope that this admirable work will continue in the years to come in our community and that there will be opportunity to extend this successful framework to other areas.

New learning and development opportunities have also been offered to adults, such as workshops on interesting and diverse topics ranging from cookery skills, beauty and skin care to car maintenance.

Both learners and fluent speakers took advantage of these opportunities and they have been so successful that they will continue to be offered.

The action plan initiatives have been strongly supported by  community groups, Shawbost School and members of the wider community, and the project has brought young and old together which has been invaluable for the children in their language development.

Bòrd na Gàidhlig Ceannard (CEO), John Angus Mackay said:

The success of Plana Gàidhlig Shiaboist is very encouraging, it is an important stage in the advancement of Gaelic development. 

Shawbost are a great example of the community working together to safeguard their language.

Communities where Gaelic is spoken are crucial to the future of Gaelic in Scotland.

Gaelic speakers are the most valuable resource we have in keeping the language alive. We ask other communities throughout the country to follow Shawbost’s example in strengthening Gaelic.

Our second newsletter will be distributed shortly, it will include information about some of the events that have taken place over the past months and news of forthcoming initiatives. As well as the newsletter all the latest news about events and initiatives can be found on the website, www.siabost.co.uk

 

 

Càisge Chruthachail aigTàirneanaich!

Buidheann-air-an-tràigh

Buidheann air an tràigh

Chaidh cothrom a thoirt don bhuidheann òigridh Ghàidhlig, ‘Tàirneanaich’ a thighinn còmhla gus tachartasan spòrsail fheuchainn tro saor làithean na càisge – agus abair gun do ghabh iad an cothrom le ‘treasure hunt’ mòr ann am baile Shiaboist!  ‘S iad Iomairt Gàidhlig Iar Thuath Leòdhais a chuir ab latha spòrsail, fiosrachail sa air dòigh gus am faigheadh an òigridh tighinn còmhla gus beagan spòrs a dhèanamh, sgilean ùra ionnsachadh agus an cuid Gàidhlig a cleachdadh agus a’ gleusadh ann an suidheachaidhean neo-fhoirmeil.  Se buidheann stèidhichte a tha ag obair air diofar phròiseactan, tron Ghàidhlig, às dèidh na sgoile agus air na deireadh sheachdainean, ann an Siabost a th’ ann an Tàirneanaich”.

Choinnich ‘Tàirneanaich’ tràth còmhla ri oifigear na h-Iomairt, Marina Mhoireach is iad air an deisealachadh le mapaichean airson a dhol timcheall baile Shiaboist ann an dà bhuidheann a’ lorg ceistean a bha air an cur a-mach air feadh a’ bhaile.  Bha latha brèagha ann leis a’ ghrian a’ deàrsadh fhad ‘s a bha an òigridh ag obair còmhla gus na ceistean a lorg sa chiad dol a-mach agus an dèidh sin nam freagairtean a sgrìobhadh.  Bha feadhainn anns a’ choimhearsnachd fhèin an sàs – thàinig air a’ chlann tadhail air 4 taighean sa’ bhaile gus freagairtean fhaighinn a-mach!  Fhuaireadh a-mach reasabaidh pancakes bho Anna agus ainm an cù as sine aig Calum!

An dèidh lòn, chaidh bùth-obrach a chumail le Alison bho Tiger Textiles agus còmhla rithe, chruthaicheadh, ‘juggling chickens!’a bha gu math furasta a dhèanamh an dèidh beagan stiùireadh air fuaigheal.

‘S e cothroman cudromach a tha seo do dh’òigridh an cuid Gàidhlig a chleachdadh taobh  a-muigh na sgoile anns a’ choimhearsnachd aca fhèin agus cuideachd a bhith a measgachadh leis na ginealaich as sine.

Còmhla ri Calum & Dan an Cù!

Còmhla ri Calum & Dan an Cù!

Easter Fun for Tàirneanaich!

Gaelic youth group ‘Tàirneanaich’ were given the opportunity to meet over the Easter break and take part in fun activities. Iomairt Gàidhlig Iar Thuath Leòdhais organised a treasure hunt in Shawbost. This proved to be both informative and enabled the children to use and develop their Gaelic in an informal setting whilst learning new skills and having lots of fun. Tàirneanaich are an established community youth group who meet after school and at weekends in Shawbost.

Tàirneanaich met with Marina Murray (Initiative Officer) early in the day in order to prepare for the treasure hunt.  They organised themselves into two groups, studied maps and then set off to find the questions that had been left at different locations throughout the village.  The sun was shining as the children worked together, finding the questions and then jotting down the answers. Some of thè questions led thè groups to visit several houses in the community seeking answers.  Anna provided them with a pancake recipe and Calum told them the name of his oldest dog!

A workshop was held after lunch with Alison from Tiger Textiles. After some instruction and sewing tuition from Alison, the young people made  ‘juggling chickens’!

These type of events are very important as they provide an opportunity for young people to use Gaelic outwith the school setting, in their own community with members of the older generation.

Na cearcan!

Na cearcan!

Bùth-obrach Còcaireachd!

Sgilean Còcaireachd

Chaidh an dàrna bùth-obrach, ‘cothroman cleachdaidh’ le còcaireachd a chumail air Disathairne 16mh den Mhàirt, air a chuir air dòigh le Iomairt Ghàidhlig Iar Thuath Leòdhais.

Siubhal Alasdair MacLeòid (An Rubha) thairis a’ mhòinteach a-rithist gus biadh blasta ullachadh do mhuinntir An Taobh Siar agus blas na h-èisg air a’ chlàr-bidh an turas seo!

Thoisich e le appetizer  de pate rionnach agus aran corc, an uairsin bòbhla an duine de cullen skink, ‘s e bha blasta.  An uairsin am prìomh cùrsa far an deach sealltainn dhuinn reasabaidh airson iasg-manach, chunnaic is dh’ionnsaich sinn dòigh ùr airson diofar bhlasan a thoirt ri chèile.

Le iarrtais airson mìlsean a-measg an luchd-labhairt chrìochnaich e le eton mess a bha cheart cho millis sa bha e a’ coimhead!

‘B e madainn air leth soirbheachail a bh’ann, a thaobh an còcaireachd agus mar a chaidh Gàidhlig a chleachdadh le luchd-ionnsachaidh agus fileantaich ann an suidheachadh neo-fhoirmeil, cairdeil.  Seo an dàrna thuras bho chaidh plana Gàidhlig Shiaboist fhoillseachadh a tha bùth-obrach còcaireachd air a bhith ann le iarrtas bhon choimhearsnachd.

Cuimhnichaibh sùil a chumail air làrach-lìn Siabost – www.siabost.co.uk airson cothroman Gàidhlig eile sa sgìre.

 

Ag ullachadh iasg airson am brot.

Ag ullachadh iasg airson am brot.

Cookery Demonstration

On Saturday 16th March Iomairt Ghàidhlig Iar Thuath Leòdhais held the second ‘cothroman cleachdaidh’ cookery workshops in Shawbost.  With Alasdair Macleod (Point), making his way over the moor again to put his cookery skills into action and whip up a fish themed menu.

Starting off with an appetiser of mackerel pate on mini oatcakes, followed by a very tasty bowl of cullen skink, a new recipe was learned for many attending.  For the main course, Alasdair demonstrated a spicy coating for monkfish which was new to everyone and very easy to replicate at home.  Everybody loves a pudding! – and this was satisfied with an easy to make Eton mess recipe!

The morning was highly successful from the cookery side of things, also most importantly, with the Gaelic element as both learners and fluent speakers of all ages using and developing their fluency of Gaelic in a friendly, informal environment.

This is the second cookery demonstration delivered in the community since the launch of the Shawbost Gaelic language plan.

We will continue to work together to provide more opportunities like this which will be of interest to members of the community and will promote Gaelic in the area – remember to keep an eye on the Shawbost website www.siabost.co.uk for all the events in the area.

Truinnsear cho blasta sa ghabhas!

Truinnsear cho blasta sa ghabhas!

Leasachadh Gàidhlig anns a’ choimhearsnachd

Leasachahd Gàidhlig - Film GThòisich Marc Mac a’ Ghobhainn a bhuineas do bhaile Shiaboist (16) air Duais Diùc Dhùn Èidinn ‘s t-samhradh a chaidh, agus ghabh e cothrom air an taic a tha an Iomairt a’ toirt do buidheann fosgailte An Taobh Siar ann a bhith a’ cruthachadh chothroman air a’ Ghàidhlig a chleachdadh mar phàirt den iomairt aige fhèin an Duais a ghlèidheadh.

Le taic bho Stephan MacLeòid, a bha ag obair aig Ionad Ioma Mheadhan Roinn Foghlaim is Seirbheisean Chloinne na Comhairle air Sgeama Greis Gnìomhachais Chomunn na Gàidhlig,  rinn Marc film goirid mun iomairt Ghàidhlig a tha a’ gabhail àite ann an Iar Thuath Leòdhais agus gu sònraichte an t-suidheachadh ann an Siabost.

‘S ann aig toiseach na bliadhna a thàinig Marc gu Marina Mhoireach, Oifigear na h-Iomairt, le beachd gun robh e airson am film a chur a-steach gu farpais FilmG.  Mar a mhìnich Marina:

“Rinn Marc obair mhath dha rìreabh air am film agus nuair a chunnaic sinn gur e ‘Miann’ aon de na cuspairean ann am farpais na bliadhna sa, smaoinich sinn gum biodh e gu math iomchaidh am film a chur a-steach dhan fharpais.  Agus abair gun do rinn sinn gàirdeachas nuair a chuala sinn gu robh Marc air a’ gheàrr-liosta a ruighinn – agus ann am farpais nan inbheach!”

Thuirt Marc:

“Bu mhath leam taing a thoirt do dh’ Iomairt Ghàidhlig Iar Thuath Leòdhais agus Comhairle nan Eilean Siar airson an taic a thug iad dhomh agus airson an uidheamachd clàraidh a thoirt dhomh air iasad.  Cuideachd, bu mhath leam taing a thoirt do Choinneach Stiùbhart aig Moja Earranta a chuidich leis an obair-gearraidh.  Tha mi gu mòr a’ coimhead air adhart ris an turas a Ghlaschu agus ris a’ chuirm fhèin”.

Leasachadh Gàidhlig anns a’ Choimhearnachd le Iomairt Ghàidhlig Iar Thuath Leòdhais from FilmGAlba on Vimeo.

Developing Gaelic in the community

Mark Smith (16), from Shawbost, embarked on the Duke of Edinburgh Awards Scheme in the summer of 2012 and he grasped the opportunity to develop his Gaelic as part of the skills required to gain the award through spending time with the Shawbost Open Group which are supported by the Initiative.

With additional assistance from Stephen MacLeod, who was working as part of Comunn na Gàidhlig’s Summer Placement scheme within the Multimedia Unit of the Comhairle’s Education and Children’s Services Department, Mark produced a short film about the Gaelic development work which is taking place in the area, and in particular in Shawbost.

It was only at the turn of the year that Mark approached the Initiative’s Officer, Marina Murray, to express his interest in entering FilmG as well as using the resource on this website.  As Marina explained:

“Mark did a great job of the film and when we saw that ‘Desire’ was one of the topics featured in this year’s competition we thought it fitted in nicely to what Mark had produced.

And we were absolutely over the moon when we found out Mark had been shortlisted – in the adult’s competition!”

Mark said:

I would like to thank the West Side of Lewis Gaelic Initiative and Comhairle nan Eilean Siar for the support given to me and for the loan of the recording equipment.

I would also like to thank Kenny Stewart at Moja Limited who undertook the editing of the film.  I am really looking forward to going to Glasgow and especially to the awards ceremony.

Geamannan Oilimpaigeach nan Sradagan!

Geamannan Oilimpaigeach nan Sradagan!

Tha Sradagan An Taobh Siar, còmhla ri Iomairt Ghàidhlig Iar Thuath Leòdhais, air a bhith gu math fortanach is cothrom air a bhith aca coinneachadh ri sàr luth-chleasaiche, Jenny Nic an t-Sagairt a bha na pàirt den sgioba a bha a’ ruith leis an lasair (torch) oilimpigeach ann an Steornabhagh nas tràithe air a’ bhliadhna.  Fhuair clann na Sradagan cothrom an làmhan fhaighinn air an lasair agus na tiodhlacan sònraichte bho ‘coca-cola’.  Cuideachd, chuala iad mu cho dìcheallach sa dh’fheumas tu a bhith airson a bhith soirbheachail ann an spòrs.  Bha na Sradagan an uairsin an sàs ann an eileamadain de spòrs ‘s iad gan stùireadh fhèin tro ‘assault course’ airson beagan eacarsaich is spòrs!

Chòrd an oidhche ruitha glan is bidh cuimhne aca gu bràth air an cothrom a fhuair iad le bhith a’ cumail an lasair!  Tha Sradagan a’ toirt cothrom do chloinn an sgilean Gàidhlig a leasachadh an co-chomann le òigridh eile. Tha seo gu sònraichte cudromach do chloinn nach eil an lùib a’ Ghàidhlig ach a-mhàin sa sgoil fhèin. Tha Sradagan an Taobh Siar a’ coinneachadh gach Diluain an Sgoil Shiaboist bho 6-7.30f agus bidh fàilte chridheil air Sradagan ùr chùn na seiseanan aca!

Olympic Games at Sradagan

The Westside Sradagan group, along with Iomairt Ghàidhlig Iar Thuath Leòdhais have been very fortunate to have had the opportunity to meet with local athlete Jenny Mactaggart, an Olympic torch bearer in Stornoway this year.  The young people were given a chance to hold the Olympic torch and all the sponsored gifts.  They were told how much effort and hard work is required to be successful in sport.  The Sradagan were then put through their paces in an assault course for a little exercise and fun!

They thoroughly enjoyed the session and will always remember getting to hold the torch!  Sradagan provides an opportunity for children to develop their Gaelic language skills in a social setting. This is particularly important for children whose only other exposure to Gaelic is in School.  Westside Sradagan meet every Monday in Shawbost school from 6-7.30, and a warm welcome will be given to any new Sradagan members who wish to come along.

Bùthtean obrach Shiaboist

Cookery Demonstration

On Saturday 3rd November we held the second of our ‘cothroman cleachdaidh’ workshops in Shawbost.  Alasdair Macleod (Point), put his cookery skills into action and whipped up a 3 course meal with soup and soda bread, followed by duck and a strawberry based dessert which went down a treat by all 19 who attended!

The event was highly successful with an excellent evening had by all who attended.  The event was also a success with the Gaelic element as both learners and fluent speakers of all ages using and developing their fluency of Gaelic in a friendly, informal environment.  With the success of this event, we plan to continue to work together to provide more opportunities like this which will be of interst to members of the community and will promote Gaelic in the area.

 

Sgilean Còcaireachd

Chaidh an dàrna bùth-obrach,‘cothroman cleachdaidh’ a chumail air Disathairne 3mh An t-Samhain.  Sheall Alasdair MacLeòid (An Rubha) dhuinn mar a dh’ullaichadh sinn biadh blasta, thoisich e le brot agus aran sòda,’s e tunnag a bh’ aige airson an dàrna curs’ agus chrìochnaich e le milsean subh-làir. Chòrd am biadh agus an leasan gu mòr ris an naoi-deug neach a bha an làthair!

Bha an oidhche air leth soirbheachail, a thaobh an còcaireachd agus mar a chaidh Gàidhlig a chleachdadh le luchd-ionnsachaidh agus fileantaich ann an suidheachadh neo-fhoirmeil, cairdeil.  Leis cho soirbheachail ’s a bha an oidhche bidh sin ag obair còmhla gus Gàidhlig a bhrosnacahdh sa coimhearsnachd le bhith a’ leadachadh na cothroman seo.

 

Bùthtean obrach Shiaboist

Car Maintenance Workshop

On Saturday 27th October, in Shawbost we held our workshop on ‘Car maintenance’ with Denis ‘Denis Autos’ sharing his knowledge and wisdom on how to look after our cars, also various other stories on every type of vehicle you can think of!  Much to the delight of those present who all left having had a great abdominal workout with all the laughing!

 

There are many other workshops running in the coming weeks and we hope these will be of interest to you – the aim of the workshops is to provide a platform for people of all levels of ability in Gaelic to come together to use the language while learning new skills.

 

Bùth-obrach

A’ Càradh Càraichean

 

Air Disathairne 27th An Dàmhair chaidh bùth-obrach a chumail aig Ionad na Seann Sgoil ann an Siabost le Denis bho ‘Denis Autos’. Còmhla ri fiosrachaidh feumail mu sealltainn as dèidh ar cuid chàraichean chuala sinn sgeulachdan mu iomadach seòrsa càr bho fear a tha gu math eòlach. Bha fealla-dhà gu leòr ann agus fior-chòrd an latha ris a h-uile duine a bha an làthair!

 

Bidh bùithtean-obrach eile againn sna seachdainean a tha ri thighinn agus tha sinn an dòchas gun gabh sibh ùidh annta. ’S e amas nan tachartasan seo cothrom a thoirt do dhaoine (as bith de cho fileanta) a thighinn còmhla gus Gàidhlig a chleachdadh agus sgilean ùra ionnsachadh.

Buidheann Ùr – Sradagan An Taobh Siar!

Sradagan Taobh Siar Leòdhais

Tha Iomairt Gàidhlig Iar Thuath Leòdhais air buidheann òigridh ùr a steidheachadh air an Taobh Siar.  Is e buidhnean coimhearsnachd tro mheadhan na Gàidhlig do chloinn aois 5-12 bliadhna a tha ann an Sradagan agus tha lionradh ann dhiubh air feadh Alba.  Tha am buidheann a’ coinneachadh gach Diluain eadar 6.00-7.30f ann an Sgoil Shiaboist gach seachdain.  Bha còrr air fichead duine cloinne an làthair a’ chiad oidhche le clann ann bho Sgoil Chàrlabhaigh, Sgoil Shiaboist agus Sgoil An Taobh Siar is iad a’ cluich diofar gheamannan, mòran spòrs is a’ cur eòlas air a chèile.

 

Tha Sradagan a’ toirt cothrom do chloinn an sgilean Gàidhlig a leasachadh an co-chomann le òigridh eile. Tha seo gu sònraichte cudromach do chloinn nach eil an lùib a’ Ghàidhlig ach a-mhàin sa sgoil fhèin.

 

Ma tha Gàidhlig gu bhith beò na cànain làitheil, feumar a cleachdadh taobh a-muigh ar sgoiltean agus nar coimhearsnachdan.  Tha foghlam tro mheadhan na Gàidhlig anabarrach cudromach dhan Ghàidhlig san àm tha romhainn agus tha buidhnean nan Sradagan na innleachd taice tha deatamach do dh’fhoghlam agus iad a’ dèanamh dhrochaid eadar sgoiltean is a’ choimhearsnachd. Tha clann gam misneachadh gu bhith cleachdadh an Gàidhlig ri diofar dhaoine an diofar shuidheachaidhean agus earbsa ghlacadh nan comas Gàidhlig a chur gu feum. Feumaidh an cleachdadh a bhith cur na Gàidhlig gu feum taobh a-muigh a’ chlas a bhith stèidhichte mus fàg clann an sgoil.

 

Ma tha ùidh aig pàrantan anns a’ choimhearsnachd agaibh ann an leithid de bhuidheann a stèidheachadh, leigibh fios thugainn aig Comunn na Gàidhlig.  Thèid coinneamh an uairsin a chur air dòigh airson fiosrachadh agus stiùireadh a thoirt dhuibh ann a bhith a’ stèidheachadh na buidhne.  A thuilleadh air a’ bhuidheann ùr air taobh siar Leòdhais, tha buidhnean air ùr thòiseachadh ann Obar Pheallaidh agus Grianaig o chionn ghreis. Thathar an dòchas gum bi Dùn Èideann tòiseachadh air ais a dh’aithghearr.

 

West Sìde of Lewis Sradagan

Iomairt Gàidhlig Iar Thuath Leòdhais has established a new youth group on the Westside of Lewis.  Sradagan are community groups which operate through the medium of Gaelic for children aged between 5-12 years old and there is a network of groups throughout Scotland.  The group will meet every Monday from 6.00-7.30pm at Shawbost School.  More than 20 young people attended the first time the group met last week coming from Carloway School, Shawbost School and Sgoil An Taobh Siar where they got to know each other and took part in various games and other activities.

Sradagan provides an opportunity for children to develop their Gaelic language skills in a social setting. This is particularly important for children whose only other exposure to Gaelic is in School.

If Gaelic is to continue as a ‘living’ language it has to be used outwith our schools and in our communities. Gaelic medium education is of immense importance to the future of Gaelic and Sradagan groups are an essential support mechanism for education, acting as a bridge between schools and the community. Children are encouraged to use their Gaelic with a variety of people in a variety of settings and gain the confidence in their ability to use Gaelic. The habit of using Gaelic outwith the classroom must be established before children leave school.

If parents and children in your community are interested in forming such a club, let us know at Comunn na Gàidhlig. A meeting will then be held with you, to give you the relevant information and guidance necessary for the establishment of the club.  As well as the recently formed Sradagan an Taobh Siar, new Sradagan groups have recently started in Aberfeldy and Greenock and it is hoped Edinburgh will restart soon.

Cò tha seinn? An diugh ‘s an dè

Cò tha seinn? – an diugh ‘s an dè

 

A’ cur taic ri Plana Gàidhlig Shiaboist, thàinig an dà bhuidheann Comunn Eachdraidh An Taobh Siar agus Clann An Latha An Dè còmhla le taic bho Iomairt Ghàidhlig Iar Thuath Leòdhais gus oidhche shònraichte a chur air dòigh air Dihaoine 21mh den t-Sultain.

 

Thug an dà bhuidheann cuireadh do mhuinntir na coimhearsnachd oidhche a chuir seachad còmhla riutha airson beagan is spòrs is fealla-dhà, a’ feuchainn ri obrachadh a-mach co a bha a’ seinn òrain air seann chlàraidhean a bha an Comunn Eachdraidh air a chruinneachadh thairis an 30 bliadhna a chaidh seachad.  ‘S ann às a’ choimhearsnachd fhèin a bha a’ mhòr-chuid de na h-òrain air an clàradh, thairis  nam bliadhnachan, gach cuid aig cèilidhean poblach is cèilidhean taighe.  Chruinnich mu 50 san t-Seann Sgoile agus abair gu robh oidhche mhath aca.  Bha an oidhche air leth soirbheachail le còmhradh is beachdan gu leòr a’ dol timcheall mu cò dìreach a bha a’ gabhail na diofar òrain.  Thug an oidhche iomadh smuain is gàire air na bha an làthair.

 

A thuilleadh air a bhith ag èisteachd ris na seann chlàraidhean, bha cuideachd seinneadairean an latha an diugh an làthair a’ gabhail òrain, nam measg Dolaidh Angaidh MacMhathain; Aonghas Macleòid agus Tormod Macleòid.  Bha cuideachd òigridh na sgìre an làthair le òrain bho Lauren NicMhathain; Ceitidh Fhionnghlasdain is Ailig John Moireasdan agus 9 a’ cluich air a’ mhelodean.  Le tè is cèic am pailteas cuideachd bha oidhche air leth aca.

 

Tha na buidhnean an dùil tuilleadh oidhcheannan mar seo a chur adhart a chuidicheas le obair an dà bhuidheann agus a’ bhrosnaicheas a’ Ghàidhlig san sgìre.

Cò tha seinn? – an diugh ‘s an dè

 

Local community organisations Comunn Eachdraidh An Taobh Siar and Clann an Latha an Dè, with support from Iomairt Gàidhlig Iar Thuath Leòdhais, held a special evening of nostalgia last Friday, 21st September, as one of the many community events in the Shawbost Gaelic Plan.

 

The organisations invited the community to join them in a fun-filled evening to work out the singers of old recordings the Comunn Eachdraidh had collected over the last 30 years.  The songs had been recorded in the Westside community at some time over the years, some at public ceilidhs and some in less formal ceilidhs in houses across the community.  Around 50 people gathered in the Seann Sgoil where they had a thoroughly enjoyable evening.  The evening was very successful with many suggestions and varied opinions of who the various singers were.  The evening evoked many thoughts and much laughter amongst those who attended.

 

As well as listening to the old recordings, there were also a number of singers present who delighted the audience with their repertoire.  Among them were; Dolaidh Angaidh Matheson; Angus Macleod and Norman Macleod.  A number of school pupils from the community also performed on the evening with songs from Lauren Matheson; Katie Finlayson and Alex John Morrison, as well as a musical rendition with 4 sets on the melodeon by Shawbost School pupils.  With plenty tea and cakes on offer, an excellent evening was had by all.

 

The organisations hope to host other similar events which not only help with the work of both organisations but also promote and strengthen Gaelic in the community.