Càisge Chruthachail aigTàirneanaich!

Buidheann-air-an-tràigh

Buidheann air an tràigh

Chaidh cothrom a thoirt don bhuidheann òigridh Ghàidhlig, ‘Tàirneanaich’ a thighinn còmhla gus tachartasan spòrsail fheuchainn tro saor làithean na càisge – agus abair gun do ghabh iad an cothrom le ‘treasure hunt’ mòr ann am baile Shiaboist!  ‘S iad Iomairt Gàidhlig Iar Thuath Leòdhais a chuir ab latha spòrsail, fiosrachail sa air dòigh gus am faigheadh an òigridh tighinn còmhla gus beagan spòrs a dhèanamh, sgilean ùra ionnsachadh agus an cuid Gàidhlig a cleachdadh agus a’ gleusadh ann an suidheachaidhean neo-fhoirmeil.  Se buidheann stèidhichte a tha ag obair air diofar phròiseactan, tron Ghàidhlig, às dèidh na sgoile agus air na deireadh sheachdainean, ann an Siabost a th’ ann an Tàirneanaich”.

Choinnich ‘Tàirneanaich’ tràth còmhla ri oifigear na h-Iomairt, Marina Mhoireach is iad air an deisealachadh le mapaichean airson a dhol timcheall baile Shiaboist ann an dà bhuidheann a’ lorg ceistean a bha air an cur a-mach air feadh a’ bhaile.  Bha latha brèagha ann leis a’ ghrian a’ deàrsadh fhad ‘s a bha an òigridh ag obair còmhla gus na ceistean a lorg sa chiad dol a-mach agus an dèidh sin nam freagairtean a sgrìobhadh.  Bha feadhainn anns a’ choimhearsnachd fhèin an sàs – thàinig air a’ chlann tadhail air 4 taighean sa’ bhaile gus freagairtean fhaighinn a-mach!  Fhuaireadh a-mach reasabaidh pancakes bho Anna agus ainm an cù as sine aig Calum!

An dèidh lòn, chaidh bùth-obrach a chumail le Alison bho Tiger Textiles agus còmhla rithe, chruthaicheadh, ‘juggling chickens!’a bha gu math furasta a dhèanamh an dèidh beagan stiùireadh air fuaigheal.

‘S e cothroman cudromach a tha seo do dh’òigridh an cuid Gàidhlig a chleachdadh taobh  a-muigh na sgoile anns a’ choimhearsnachd aca fhèin agus cuideachd a bhith a measgachadh leis na ginealaich as sine.

Còmhla ri Calum & Dan an Cù!

Còmhla ri Calum & Dan an Cù!

Easter Fun for Tàirneanaich!

Gaelic youth group ‘Tàirneanaich’ were given the opportunity to meet over the Easter break and take part in fun activities. Iomairt Gàidhlig Iar Thuath Leòdhais organised a treasure hunt in Shawbost. This proved to be both informative and enabled the children to use and develop their Gaelic in an informal setting whilst learning new skills and having lots of fun. Tàirneanaich are an established community youth group who meet after school and at weekends in Shawbost.

Tàirneanaich met with Marina Murray (Initiative Officer) early in the day in order to prepare for the treasure hunt.  They organised themselves into two groups, studied maps and then set off to find the questions that had been left at different locations throughout the village.  The sun was shining as the children worked together, finding the questions and then jotting down the answers. Some of thè questions led thè groups to visit several houses in the community seeking answers.  Anna provided them with a pancake recipe and Calum told them the name of his oldest dog!

A workshop was held after lunch with Alison from Tiger Textiles. After some instruction and sewing tuition from Alison, the young people made  ‘juggling chickens’!

These type of events are very important as they provide an opportunity for young people to use Gaelic outwith the school setting, in their own community with members of the older generation.

Na cearcan!

Na cearcan!

Bùth-obrach Còcaireachd!

Sgilean Còcaireachd

Chaidh an dàrna bùth-obrach, ‘cothroman cleachdaidh’ le còcaireachd a chumail air Disathairne 16mh den Mhàirt, air a chuir air dòigh le Iomairt Ghàidhlig Iar Thuath Leòdhais.

Siubhal Alasdair MacLeòid (An Rubha) thairis a’ mhòinteach a-rithist gus biadh blasta ullachadh do mhuinntir An Taobh Siar agus blas na h-èisg air a’ chlàr-bidh an turas seo!

Thoisich e le appetizer  de pate rionnach agus aran corc, an uairsin bòbhla an duine de cullen skink, ‘s e bha blasta.  An uairsin am prìomh cùrsa far an deach sealltainn dhuinn reasabaidh airson iasg-manach, chunnaic is dh’ionnsaich sinn dòigh ùr airson diofar bhlasan a thoirt ri chèile.

Le iarrtais airson mìlsean a-measg an luchd-labhairt chrìochnaich e le eton mess a bha cheart cho millis sa bha e a’ coimhead!

‘B e madainn air leth soirbheachail a bh’ann, a thaobh an còcaireachd agus mar a chaidh Gàidhlig a chleachdadh le luchd-ionnsachaidh agus fileantaich ann an suidheachadh neo-fhoirmeil, cairdeil.  Seo an dàrna thuras bho chaidh plana Gàidhlig Shiaboist fhoillseachadh a tha bùth-obrach còcaireachd air a bhith ann le iarrtas bhon choimhearsnachd.

Cuimhnichaibh sùil a chumail air làrach-lìn Siabost – www.siabost.co.uk airson cothroman Gàidhlig eile sa sgìre.

 

Ag ullachadh iasg airson am brot.

Ag ullachadh iasg airson am brot.

Cookery Demonstration

On Saturday 16th March Iomairt Ghàidhlig Iar Thuath Leòdhais held the second ‘cothroman cleachdaidh’ cookery workshops in Shawbost.  With Alasdair Macleod (Point), making his way over the moor again to put his cookery skills into action and whip up a fish themed menu.

Starting off with an appetiser of mackerel pate on mini oatcakes, followed by a very tasty bowl of cullen skink, a new recipe was learned for many attending.  For the main course, Alasdair demonstrated a spicy coating for monkfish which was new to everyone and very easy to replicate at home.  Everybody loves a pudding! – and this was satisfied with an easy to make Eton mess recipe!

The morning was highly successful from the cookery side of things, also most importantly, with the Gaelic element as both learners and fluent speakers of all ages using and developing their fluency of Gaelic in a friendly, informal environment.

This is the second cookery demonstration delivered in the community since the launch of the Shawbost Gaelic language plan.

We will continue to work together to provide more opportunities like this which will be of interest to members of the community and will promote Gaelic in the area – remember to keep an eye on the Shawbost website www.siabost.co.uk for all the events in the area.

Truinnsear cho blasta sa ghabhas!

Truinnsear cho blasta sa ghabhas!

Geamannan Oilimpaigeach nan Sradagan!

Geamannan Oilimpaigeach nan Sradagan!

Tha Sradagan An Taobh Siar, còmhla ri Iomairt Ghàidhlig Iar Thuath Leòdhais, air a bhith gu math fortanach is cothrom air a bhith aca coinneachadh ri sàr luth-chleasaiche, Jenny Nic an t-Sagairt a bha na pàirt den sgioba a bha a’ ruith leis an lasair (torch) oilimpigeach ann an Steornabhagh nas tràithe air a’ bhliadhna.  Fhuair clann na Sradagan cothrom an làmhan fhaighinn air an lasair agus na tiodhlacan sònraichte bho ‘coca-cola’.  Cuideachd, chuala iad mu cho dìcheallach sa dh’fheumas tu a bhith airson a bhith soirbheachail ann an spòrs.  Bha na Sradagan an uairsin an sàs ann an eileamadain de spòrs ‘s iad gan stùireadh fhèin tro ‘assault course’ airson beagan eacarsaich is spòrs!

Chòrd an oidhche ruitha glan is bidh cuimhne aca gu bràth air an cothrom a fhuair iad le bhith a’ cumail an lasair!  Tha Sradagan a’ toirt cothrom do chloinn an sgilean Gàidhlig a leasachadh an co-chomann le òigridh eile. Tha seo gu sònraichte cudromach do chloinn nach eil an lùib a’ Ghàidhlig ach a-mhàin sa sgoil fhèin. Tha Sradagan an Taobh Siar a’ coinneachadh gach Diluain an Sgoil Shiaboist bho 6-7.30f agus bidh fàilte chridheil air Sradagan ùr chùn na seiseanan aca!

Olympic Games at Sradagan

The Westside Sradagan group, along with Iomairt Ghàidhlig Iar Thuath Leòdhais have been very fortunate to have had the opportunity to meet with local athlete Jenny Mactaggart, an Olympic torch bearer in Stornoway this year.  The young people were given a chance to hold the Olympic torch and all the sponsored gifts.  They were told how much effort and hard work is required to be successful in sport.  The Sradagan were then put through their paces in an assault course for a little exercise and fun!

They thoroughly enjoyed the session and will always remember getting to hold the torch!  Sradagan provides an opportunity for children to develop their Gaelic language skills in a social setting. This is particularly important for children whose only other exposure to Gaelic is in School.  Westside Sradagan meet every Monday in Shawbost school from 6-7.30, and a warm welcome will be given to any new Sradagan members who wish to come along.

Bùthtean obrach Shiaboist

Cookery Demonstration

On Saturday 3rd November we held the second of our ‘cothroman cleachdaidh’ workshops in Shawbost.  Alasdair Macleod (Point), put his cookery skills into action and whipped up a 3 course meal with soup and soda bread, followed by duck and a strawberry based dessert which went down a treat by all 19 who attended!

The event was highly successful with an excellent evening had by all who attended.  The event was also a success with the Gaelic element as both learners and fluent speakers of all ages using and developing their fluency of Gaelic in a friendly, informal environment.  With the success of this event, we plan to continue to work together to provide more opportunities like this which will be of interst to members of the community and will promote Gaelic in the area.

 

Sgilean Còcaireachd

Chaidh an dàrna bùth-obrach,‘cothroman cleachdaidh’ a chumail air Disathairne 3mh An t-Samhain.  Sheall Alasdair MacLeòid (An Rubha) dhuinn mar a dh’ullaichadh sinn biadh blasta, thoisich e le brot agus aran sòda,’s e tunnag a bh’ aige airson an dàrna curs’ agus chrìochnaich e le milsean subh-làir. Chòrd am biadh agus an leasan gu mòr ris an naoi-deug neach a bha an làthair!

Bha an oidhche air leth soirbheachail, a thaobh an còcaireachd agus mar a chaidh Gàidhlig a chleachdadh le luchd-ionnsachaidh agus fileantaich ann an suidheachadh neo-fhoirmeil, cairdeil.  Leis cho soirbheachail ’s a bha an oidhche bidh sin ag obair còmhla gus Gàidhlig a bhrosnacahdh sa coimhearsnachd le bhith a’ leadachadh na cothroman seo.

 

Bùthtean obrach Shiaboist

Car Maintenance Workshop

On Saturday 27th October, in Shawbost we held our workshop on ‘Car maintenance’ with Denis ‘Denis Autos’ sharing his knowledge and wisdom on how to look after our cars, also various other stories on every type of vehicle you can think of!  Much to the delight of those present who all left having had a great abdominal workout with all the laughing!

 

There are many other workshops running in the coming weeks and we hope these will be of interest to you – the aim of the workshops is to provide a platform for people of all levels of ability in Gaelic to come together to use the language while learning new skills.

 

Bùth-obrach

A’ Càradh Càraichean

 

Air Disathairne 27th An Dàmhair chaidh bùth-obrach a chumail aig Ionad na Seann Sgoil ann an Siabost le Denis bho ‘Denis Autos’. Còmhla ri fiosrachaidh feumail mu sealltainn as dèidh ar cuid chàraichean chuala sinn sgeulachdan mu iomadach seòrsa càr bho fear a tha gu math eòlach. Bha fealla-dhà gu leòr ann agus fior-chòrd an latha ris a h-uile duine a bha an làthair!

 

Bidh bùithtean-obrach eile againn sna seachdainean a tha ri thighinn agus tha sinn an dòchas gun gabh sibh ùidh annta. ’S e amas nan tachartasan seo cothrom a thoirt do dhaoine (as bith de cho fileanta) a thighinn còmhla gus Gàidhlig a chleachdadh agus sgilean ùra ionnsachadh.

Buidheann Ùr – Sradagan An Taobh Siar!

Sradagan Taobh Siar Leòdhais

Tha Iomairt Gàidhlig Iar Thuath Leòdhais air buidheann òigridh ùr a steidheachadh air an Taobh Siar.  Is e buidhnean coimhearsnachd tro mheadhan na Gàidhlig do chloinn aois 5-12 bliadhna a tha ann an Sradagan agus tha lionradh ann dhiubh air feadh Alba.  Tha am buidheann a’ coinneachadh gach Diluain eadar 6.00-7.30f ann an Sgoil Shiaboist gach seachdain.  Bha còrr air fichead duine cloinne an làthair a’ chiad oidhche le clann ann bho Sgoil Chàrlabhaigh, Sgoil Shiaboist agus Sgoil An Taobh Siar is iad a’ cluich diofar gheamannan, mòran spòrs is a’ cur eòlas air a chèile.

 

Tha Sradagan a’ toirt cothrom do chloinn an sgilean Gàidhlig a leasachadh an co-chomann le òigridh eile. Tha seo gu sònraichte cudromach do chloinn nach eil an lùib a’ Ghàidhlig ach a-mhàin sa sgoil fhèin.

 

Ma tha Gàidhlig gu bhith beò na cànain làitheil, feumar a cleachdadh taobh a-muigh ar sgoiltean agus nar coimhearsnachdan.  Tha foghlam tro mheadhan na Gàidhlig anabarrach cudromach dhan Ghàidhlig san àm tha romhainn agus tha buidhnean nan Sradagan na innleachd taice tha deatamach do dh’fhoghlam agus iad a’ dèanamh dhrochaid eadar sgoiltean is a’ choimhearsnachd. Tha clann gam misneachadh gu bhith cleachdadh an Gàidhlig ri diofar dhaoine an diofar shuidheachaidhean agus earbsa ghlacadh nan comas Gàidhlig a chur gu feum. Feumaidh an cleachdadh a bhith cur na Gàidhlig gu feum taobh a-muigh a’ chlas a bhith stèidhichte mus fàg clann an sgoil.

 

Ma tha ùidh aig pàrantan anns a’ choimhearsnachd agaibh ann an leithid de bhuidheann a stèidheachadh, leigibh fios thugainn aig Comunn na Gàidhlig.  Thèid coinneamh an uairsin a chur air dòigh airson fiosrachadh agus stiùireadh a thoirt dhuibh ann a bhith a’ stèidheachadh na buidhne.  A thuilleadh air a’ bhuidheann ùr air taobh siar Leòdhais, tha buidhnean air ùr thòiseachadh ann Obar Pheallaidh agus Grianaig o chionn ghreis. Thathar an dòchas gum bi Dùn Èideann tòiseachadh air ais a dh’aithghearr.

 

West Sìde of Lewis Sradagan

Iomairt Gàidhlig Iar Thuath Leòdhais has established a new youth group on the Westside of Lewis.  Sradagan are community groups which operate through the medium of Gaelic for children aged between 5-12 years old and there is a network of groups throughout Scotland.  The group will meet every Monday from 6.00-7.30pm at Shawbost School.  More than 20 young people attended the first time the group met last week coming from Carloway School, Shawbost School and Sgoil An Taobh Siar where they got to know each other and took part in various games and other activities.

Sradagan provides an opportunity for children to develop their Gaelic language skills in a social setting. This is particularly important for children whose only other exposure to Gaelic is in School.

If Gaelic is to continue as a ‘living’ language it has to be used outwith our schools and in our communities. Gaelic medium education is of immense importance to the future of Gaelic and Sradagan groups are an essential support mechanism for education, acting as a bridge between schools and the community. Children are encouraged to use their Gaelic with a variety of people in a variety of settings and gain the confidence in their ability to use Gaelic. The habit of using Gaelic outwith the classroom must be established before children leave school.

If parents and children in your community are interested in forming such a club, let us know at Comunn na Gàidhlig. A meeting will then be held with you, to give you the relevant information and guidance necessary for the establishment of the club.  As well as the recently formed Sradagan an Taobh Siar, new Sradagan groups have recently started in Aberfeldy and Greenock and it is hoped Edinburgh will restart soon.

Cò tha seinn? An diugh ‘s an dè

Cò tha seinn? – an diugh ‘s an dè

 

A’ cur taic ri Plana Gàidhlig Shiaboist, thàinig an dà bhuidheann Comunn Eachdraidh An Taobh Siar agus Clann An Latha An Dè còmhla le taic bho Iomairt Ghàidhlig Iar Thuath Leòdhais gus oidhche shònraichte a chur air dòigh air Dihaoine 21mh den t-Sultain.

 

Thug an dà bhuidheann cuireadh do mhuinntir na coimhearsnachd oidhche a chuir seachad còmhla riutha airson beagan is spòrs is fealla-dhà, a’ feuchainn ri obrachadh a-mach co a bha a’ seinn òrain air seann chlàraidhean a bha an Comunn Eachdraidh air a chruinneachadh thairis an 30 bliadhna a chaidh seachad.  ‘S ann às a’ choimhearsnachd fhèin a bha a’ mhòr-chuid de na h-òrain air an clàradh, thairis  nam bliadhnachan, gach cuid aig cèilidhean poblach is cèilidhean taighe.  Chruinnich mu 50 san t-Seann Sgoile agus abair gu robh oidhche mhath aca.  Bha an oidhche air leth soirbheachail le còmhradh is beachdan gu leòr a’ dol timcheall mu cò dìreach a bha a’ gabhail na diofar òrain.  Thug an oidhche iomadh smuain is gàire air na bha an làthair.

 

A thuilleadh air a bhith ag èisteachd ris na seann chlàraidhean, bha cuideachd seinneadairean an latha an diugh an làthair a’ gabhail òrain, nam measg Dolaidh Angaidh MacMhathain; Aonghas Macleòid agus Tormod Macleòid.  Bha cuideachd òigridh na sgìre an làthair le òrain bho Lauren NicMhathain; Ceitidh Fhionnghlasdain is Ailig John Moireasdan agus 9 a’ cluich air a’ mhelodean.  Le tè is cèic am pailteas cuideachd bha oidhche air leth aca.

 

Tha na buidhnean an dùil tuilleadh oidhcheannan mar seo a chur adhart a chuidicheas le obair an dà bhuidheann agus a’ bhrosnaicheas a’ Ghàidhlig san sgìre.

Cò tha seinn? – an diugh ‘s an dè

 

Local community organisations Comunn Eachdraidh An Taobh Siar and Clann an Latha an Dè, with support from Iomairt Gàidhlig Iar Thuath Leòdhais, held a special evening of nostalgia last Friday, 21st September, as one of the many community events in the Shawbost Gaelic Plan.

 

The organisations invited the community to join them in a fun-filled evening to work out the singers of old recordings the Comunn Eachdraidh had collected over the last 30 years.  The songs had been recorded in the Westside community at some time over the years, some at public ceilidhs and some in less formal ceilidhs in houses across the community.  Around 50 people gathered in the Seann Sgoil where they had a thoroughly enjoyable evening.  The evening was very successful with many suggestions and varied opinions of who the various singers were.  The evening evoked many thoughts and much laughter amongst those who attended.

 

As well as listening to the old recordings, there were also a number of singers present who delighted the audience with their repertoire.  Among them were; Dolaidh Angaidh Matheson; Angus Macleod and Norman Macleod.  A number of school pupils from the community also performed on the evening with songs from Lauren Matheson; Katie Finlayson and Alex John Morrison, as well as a musical rendition with 4 sets on the melodeon by Shawbost School pupils.  With plenty tea and cakes on offer, an excellent evening was had by all.

 

The organisations hope to host other similar events which not only help with the work of both organisations but also promote and strengthen Gaelic in the community.

Buidheann Brag 2012

 

BRAG 2012
Chaidh cothrom a thoirt do òigridh bho Nis gu Balantruiseal agus Barabhais gu Càrlabhagh tighinn còmhla gus tachartasan spòrsail fheuchainn tro na saor làithean – agus abair gun gabh iad an cothrom!. Chuir Iomairt Gàidhlig Iar Thuath Leòdhais seachdain, ‘Brag’, air dòigh gus am faigheadh òigridh a thighinn còmhla gus beagan spòrs a dhèanamh, sgilean ùra ionnsachadh, diofar chur-seachadan fheuchainn agus cuideachd an cuid Ghàidhlig a cleachdadh agus a’ gleusadh ann an suidheachaidhean neo-fhoirmeil.

Bha a’ bhuidheann a’ coinneachadh gach madainn, aig 9.30 ‘s iad an sàs ann an diofar rudan gu co dhiù 2.30 gach là. Chaidh latha a chuir seachad air obair dealbhadh ‘s cruthachadh aig Bùth Lisa le Tiger Textiles ann an Nis. An sin fhuair iad stùireadh bho Alison Nicleòid air ealain agus chunnaic iad eisimpleirean den seòrsa obair chruthachail air a bheil i fhèin an sàs. Fhuair a h-uile duine cothrom an uairsin ‘wall block’ sònraichte a chruthachadh dhaibh fhèin airson a thoirt dhachaigh. Thuirt Alison: ‘Bha e math faicinn cho chruthachail sa tha a’ chlann agus mar a fhuair iad brosnachadh le bhith a’ coimhead mar a tha mi a’ cleachdadh Gàidhlig san obair agam.’

Fhuair gach buidheann cothrom latha a chur seachad ag iasgachd air bàta ann an loch Erisort agus aig loch beag eile aig Murchadh Moireasdan ann an Keose. Nar cuideachadh latha an iasgaich, bha Lewis MacChoinnich bhon gnìomhachas ‘Fish n trips’agus Donnie is Tormod bhon Outer Hebrides Fisheries Trust. Bha laithean brèagha ann leis a’ ghrian a’ dearsadh agus fhuair a h-uile duine cothrom air a’ bhàta a stùireadh agus ionnsachadh mu obair aig mur. Rug a’ bhuidheann air rionnaich agus chaidh crùbagan gu leòr fhaighinn sna clèibh a thog iad! Aig an loch dh’ionnsaich iad mar a bhios tu a’ cur slat ri chèile agus fiùis mar a chuireas tu boiteag air dubhan! Bha cuid nach robh ro dhèidheil air na boiteagan! Bha là math fhèin aca agus bhiodh e math seo fheuchainn a rithist!

A-measg nan tachartasan eile ris an robh iad an sàs thairis air an dà sheachdain bha cuairt fiosrachail timcheall a’ chosta agus taighean dubha nan Gearannan, lòn aig Comunn Eachdraidh Nis, cothrom air beagan bèicearachd agus chaidh iad chun a’ bhòbhladh ann an Spòrs Nis cuideachd. Chòrd an dà sheachdain ris a’ chlann agus tha iad air leth taingeil dhan h-uile duine a chuid le cuisean rè na seachdain.

Chaidh an t-seachdain, “Brag” a chuir air dòigh le Iomairt Gàidhlig Iar Thuath Leòdhais agus chaidh na cosgaisean am pàigheadh le Comunn na Gàidhlig, Bòrd na Gàidhlig agus Comhairle nan Eilean Siar.

Brag 2012

An opportunity was given to young people between Ness – Balantruiseal and Barvas –Carloway to come together and take part in some fun activities during the school holidays – and they certainly grasped the opportunity! Iomairt Ghàidhlig Iar Thuath organised a week ‘Brag’ of activities to enable young people to come together to have fun, learn new skills, try new activities and use and develop their Gaelic in relaxed, informal surroundings.

The group would meet at 9.30am every day and were very busy each day until around 2.30. A day was spent at Bùth Lisa with Tiger Textiles in Ness where we took part in a design and make workshop. There, the group received instruction from Alison Macleod on art and had the opportunity to view the creative art displays in the studio. Everybody worked hard then and created their own wall block to take home. Alison said: ‘It was good to see how creative the young people were and that they were motivated by seeing how I use Gaelic in my own work.’.

Each group also spent a day fishing on a boat out Loch Erisort and spent time at Murdo Morrisons loch in Keose. Guiding us on the boat was Lewis Mackenzie from the business ‘fish n trips’ and from the Outer Hebrides Fisheries Trust were Donnie and Norman. We had good weather both days with the sun shining, and everyone got an opportunity to steer the boat and learn about work at sea. The group caught mackerel and picked up a lot of crabs in the creels! At the loch they learned how to set up the rods and even how to bait them with worms!…Some were not very keen on the worms! Excellent days were had at the fishing and it would be good to try it again!

Among the other activities the groups took part in over the weeks was an informative walk around the coast and blackhouse village in Gearannan, lunch at Comunn Eachdraidh Nis, a baking workshop and they went bowling at Spòrs Nis also. The young people thoroughly enjoyed the weeks and are grateful to everyone who helped with the activities over the weeks.

‘Brag’ was organised by the Iomairt Ghàidhlig Iar Thuath Leòdhais and was funded by Comunn na Gàidhlig, Bòrd na Gàidhlig and Comhairle nan Eilean Siar.

Turas Clann an Latha an Dè

Turas Clann an Latha an Dè gu tìr-mòr 12-16 An Ògmhios 2012

’S e toiseach tràth a bh’ ann airson turas bliadhnail clann an latha an dè, ’s iad a’ fàgail Siabost airson a’ chiad bhàt-aiseig aig 5.15 sa mhadainn.  Àn dèidh slighe chiùin tarsainn a dh’ Ulapul b’ e a’ chiad àite dhan deach iad Taigh-tasgaidh Tuath na h-Alba ann am Baile Ur an t-Slèibh. Bha biadh ri ithe agus an dèidh sin fhuair iad ùine airson coiseachd timcheall air an stòras inntinneach seo, a tha riochdachadh beatha shòisealta agus dùthchail a Ghàidhealtachd sna h-eileanan bhon na làithean a chaidh seachad.  Tha Gàidhlig aig feadhainn den na daoine a tha ag obair ann gu saor thoileach agus tha iad air an còmhdach ann an seann aodach. Taighean-tughaidh le teine mòine caran coltach ris mar a bha na taighean dubha air an eilean seo.  Sgoiltean le deasgaichean, bòrd-dubh, sglèat agus peann sglèat (thug sin air ais tòrr chuimhneachan air  làithean sgoile, gu h-àraid an ‘’Lochgelly’’ strap a bha suidhe air bòrd an tidsear). ’S e àite mòr a th’ ann ’s fhiach a dhol ga fhaicinn.  Bhon an sin dh’fhalbh a’ bhuidheann chun an Taigh-òsta Rìoghail ann am Blàr nan Gobhar far am biodh iad a’ fuireach airson 4 oidhcheannan.  Fhuair iad fàilte chridheil agus chuir iad na bagannan a-steach don rumannan mus do ghabh iad dìnnear.  ’S e baile brèagha a th’ann am Blàr nan Gobhar agus is e teis-mheadhan sgìre measan bog (gu h-àraid sùbh-chraobhan) Siorrachd Pheairt.  ’S iomadh oileanach às an oilthigh à Leòdhas a chaith an t-Samhradh aca thairis air na bliadhnachan a’ cosnadh airgead  a’ togail sùbh-chraobhan.  Chòrd cuairt tron a’ bhaile ris a bhuidheann an dèidh dìnnear.

Thòisich an dàrna latha leis a’ bhuidheann a gabhail a-steach na seallaidhean aig Rosslyn Chapel a chaidh a lorg ann am meadhan an 5mh linn deug le fear Uilleam Mac na Ceàrdaich.  An uairsin dh’fhalbh iad gu Sù Dhùn Èideann far an do choinnich iad ri Tian Tian (Sweetie) agus Yang Guang (Sunshine) – dà bhiast phanda.  Tha iad àlainn agus fhad ’s nach robh lasair air a chamara aca b’ urrainn don bhuidheann deilbh a thogail dhiubh.  ’S e latha air leth a bh’ ann agus fìor chòrd an cuairt timcheall air an sù ris a’ bhuidheann.  Bha biadh ri ithe anns an taigh-òsta aig an oidhche agus beagan ùine saor airson còmhradh agus càirdeas, agus chan eil fiùs nach robh feadhainn a’ coimhead ball-coise Eòrpach air an telebhisean aig an aon àm!

’S e latha àlainn a bh’ ann a-rithist air an treas latha agus chaidh a’ bhuidheann airson cuairt timcheall air Caisteal Glamais.  Tha a’ chaisteal air a bhith na thogalach rìoghail bho 1372.  B’ e dachaigh màthair na Banrìgh nuair a bha i na b’ òige, agus cuideachd b’ e suidheachadh airson am pìos a sgrìobh Shakespeare, ‘Macbeth.’  Bhon an sin dh’fhalbh iad a’ Pheairt airson beagan ùine sna bùithtean agus beagan biadh.  An dèidh dìnnear anns an taigh-òsta an oidhche sin, chaidh cèilidh a chuir air dòigh dhaibh agus ’s e cothrom math a bh’ ann airson coinneachadh caraidean.

Thòisich a’ cheathramh latha le turas gu Taigh-tasgaidh Siubhal Riverside Ghlaschu.  Bha ùidh gu h-àraidh aig na fìrinnich anns a’ bhuidheann às an àite seo ach tha gu leòr ann airson a h-uile h-aois.  ’S e àite mìorbhaileach a th’ann agus gann gu robh gu leòr ùine ann an latha airson na taisbeanaidhean gu lèir fhaicinn.  Tha cafaidh math aca cuideachd agus  ghabh a’ bhuidheann biadh an sin mus do dh’fhalbh iad gu Braehead airson a dhol don na bùithtean a-rithist!

An latha mu dheireadh, agus bha a’ bhuidheann an àirde tràth airson tòiseachadh an turas suas a dh’ Ullapul.  An dèidh stad na dha airson beagan ùine eile sna bùithtean ràinig iad an aiseag ann an Ullapul. Bha an turas tarsainn air a’ Chuain Sgìth  math dha rìribh agus bha a’ bhuidheann uile còmhla anns a’ chafaidh airson dìnnear agus co-dhùnadh air an turas a bha air còrdadh gu mòr ris a h-uile duine.  Bha e fadalach nuair a thug am bus dhachaigh sinn, ach de chanas tu? Taing don a h-uile duine a thàinig, agus airson an fheadhainn a bha fulang le tinneas, an d1òchas gum bi sibh nas fheàrr a dh’ aithghearr.  Coimhead air adhart ris an ath-bhliadhna!


Clann an Latha an Dè annual mainland Trip 12 – 16 June 2012

The annual Clann an Latha an Dè trip began this year with an early start leaving Shawbost for the first ferry at 5.15am! After a smooth crossing their first stop was at the Highland Folk Museum Newtonmore where they enjoyed a light lunch and afterwards free time to wander round this very interesting collection of all things to reflect the social and rural life of the Highlands and Islands in days gone by and where Gaelic is spoken by some of the volunteers who are dressed in period costume. Thatched cottages with peat fires are very similar to the layout of the black houses that were here on the island. School complete with desks and inkwells, blackboard, slates and slate pens, (brought back memories of early schooldays particularly the “Lochgelly” strap sitting on the teacher’s desk!).  It is a huge area and well worth a visit.  From there they proceeded to their base for the next 4 nights, Royal Hotel, Blairgowrie, where they were warmly welcomed and settled in before dinner.  Blairgowrie itself is a lovely town and is the centre of Perthshire’s soft fruit growing district especially raspberries. Many a university student from the islands spent their summer break in years gone by earning money picking raspberries.  A nice after dinner walk through the town was enjoyed before bed.

The second day began with sightseeing and a guided tour at the Rosslyn Chapel founded in the mid 15th century by William Sinclair.  Then to Edinburgh Zoo where they met with Tian Tian (Sweetie) and Yang Guang (Sunshine) the Giant Pandas..  They are beautiful and provided the group turned off the flash on their cameras they were allowed to photograph them.  It was a beautiful day and they thoroughly enjoyed their walk around the zoo.  Dinner in evening at hotel and free time for some fellowship and fun while some watched European football on TV at the same time!!

Day three was another lovely day where the group headed towards Glamis Castle for a very interesting tour; the castle has been a royal residence since 1372, the childhood home of the Queen Mother and the setting for Shakespeare’s “Macbeth”.  On from there for some retail therapy at Perth, so after a spot of lunch they set to.  After dinner they enjoyed a ceilidh organised for our entertainment and to meet up with some friends.

Day four began with a trip to the Riverside Transport Museum Glasgow.  This venue was of particular interest to the men in the group but there is plenty for all ages to enjoy, an amazing place and a full day would hardly be enough time to see all of the exhibits.  A very enjoyable visit and they have an extremely well run cafeteria there too which the group took full advantage of before heading for Braehead shopping centre for more retail therapy!!.

The final day began with an early start as the group headed north to Ullapool.  With a few stops and a little more retail therapy they arrived at the ferry.  Sail home was again smooth and we all congregated in the cafeteria for a meal and the final post-mortem of the extremely enjoyable trip.  Coach took us safely to our destination very late in the evening.  Thanks to all who came along, to those who were unable to due to ill health were missed, get well soon.   Roll on next year!!

Tàirneanaich a’ cruinneachadh airgid airson carthannais

Mar phàirt de Iomairt Ghàidhlig Iar Thuath Leòdhais, tha am buidheann òigridh, ‘Tàirneanaich’, air a bhith trang thairis air a’ bhliadhna a chaidh seachad a’ cur air dòigh diofar phròiseactan gus airgead a thogail do charthannasan ionadail. Am measg na h-iomairtean aca, chuir iad consairt beag air dòigh airson a’ buidheann ionadail Clann an Latha an Dè agus rinn is reic iad bèicearachd ann an Sgoil Shiaboist. Thog iad suim de £300. Chaidh tachartas beag a chuir air dòigh o chionn ghoirid far an deach seic de £150 a thoirt don charthannas Macmillan Cancer Support agus thuirt iad:

‘Tha Macmillan Cancer Support air leth thoilichte leis an taic a tha sinn a’ faighinn bhon òigridh san sgìre seo.’

Chaidh seac eile, airson £150, a thoirt do Alzheimer Scotland agus thuirt iadsan:

‘Tha sinn glan air ar dòigh gu bheil òigridh na sgìre sa cho coibhneil air an fheadhainn is sine.’

Anns dealbh, tha cuid den òigridh, agus iad a’ toirt na seicean do Christine Nicleòid bho Macmillan Cancer Support agus Katag Nic a’ Phearsain bho Alzheimer Scotland. Bha cuid den òigridh a bha an sàs san iomairt ann a bhith a’ cruinneachadh an airgid nach robh air chomas a bhith an làthair aig an tachartas far an deach na seicean a thoirt seachad.

Tàirneanaich Raise Money for Charity

As part of Iomairt Ghàidhlig Iar Thuath Leòdhais, the youth group ‘Tàirneanaich’ have been busy over the last year organising events to fundraise for local charities. Amongst their events, they held a concert for thè local group ‘Clann an Latha an dè’ and they made and sold baking in Shawbost school. They raised a total of £300. They recently presented a cheque of £150 to Macmillan Cancer Support who said:

‘Macmillan Cancer Support are over joyed by the support given by thè young people in thè area.’

A second cheque of £150 was presented to the charity Alzheimer Scotland who said:

‘We are thrilled to see the kindness of the young people in this area to the elderly.’

In the photo are some of the young people presenting the cheques to Christine Macleod from Macmillan Cancer Support and Katie Macpherson from Alzheimer Scotland. A number of the young people involved in the fundraising were not present at the tìme of presenting the cheques.