Dìleab Thormoid / Smile Please

Dr Norman Morrison holding adder/Family of John MacKay, South Shawbost  1900-1905

Aig toiseach an fhicheadamh linn, thòisich fear à Siabost, Tormod Moireasdan, no Tormod an t-Seòladair, a’ togail dhealbhan dha daoine anns an sgìre san deach a thogail.  Thog na dealbhan sin ceann ann am bàthaich anns a’ bhaile bho chionn ghoirid agus tha iad a’ toirt sealladh iongantach dhuinn air beatha muinntir taobh siar Leòdhais bho chionn còrr is ceud bliadhna air ais.

Tha Dìleab Thormoid ag innse sgeulachd nan dealbhan annasach agus tarraingeach seo agus eachdraidh am fear a thog iad.   Rugadh Tormod Moireasdan ann an 1869 agus cha d’ fhuair e mòran fòghlam na òige.  An dèidh sin, bha e na phoileas agus rinn e strì mhòr aig àm a’ chiad chogaidh airson adhartas a thoirt air suidheachadh nam poileas.  ’S ann ri linn na strì sin a chaidh Caidreachas Poileas na h-Alba a stèidheachadh.  Bha Tormod cuideachd na eòlaiche air beathach a bhios a’ cur gairiseachadh air gu leòr, ’s e sin an nathair, agus chaidh urram Dotair Saidheans a chur air airson an rannsachaidh saidheansail a rinn e.

Sgrìobh Tormod còig leabhraichean, nam measg “My Story”, sgeulachd mu bheatha fhèin ach cha do dh’ainmich e an àite gu robh ùidh aige ann a bhith a’ togail dhealbhan.

Ri linn nan dealbhan a thighinn am follais, tha ùidh air nochdadh ann an Tormod às ùr.  Tha coimhearsnachd Shiaboist air sreath de thachartasan a chur air adhart far a bheil sean is òg a’ tighinn còmhla airson ionnsachadh mu bheatha le taisbeanadh, bùithtean-obrach camara a’ cleachdadh an seòrsa camara bh’ aig Tormod fhèin agus cuairtean gu àiteachean air an robh e eòlach.

Chaidh Dìleab Thormoid a riochdachadh le Corcadal Productions airson BBC ALBA.

Gheibhear BBC ALBA air:

  • Sky 143 (RA)
  • Freeview / You View 8 (Alba a-mhàin)
  • Virgin Media 161 (RA)
  • Freesat 110 (RA)
  • BT Vision 8 (Alba a-mhàin)
  • Smallworld 170 (Siorrachd Àir agus Iar-Thuath Shasainn)
  • BBC iPlayer

Tha BBC ALBA air a ruith le MG ALBA ann an co-bhanntachd ris a’ BhBC. Is e MG ALBA an t-ainm fo bheil Seirbheis nam Meadhanan Gàidhlig (Gaelic Media Service) ag obair. Faigh a-mach tuilleadh mu MG ALBA agus an co-bhanntachd aig www.mgalba.com no tadhal air www.bbcalba.co.uk airson fiosrachadh mu chlàran agus phrògraman.

 

Dr Finlay MacLeod, local historian with Murdo MacLeod, acclaimed newspaper photographer, who is a contributor to the programme and who was born and brought up in Shawbost

18 February 2014

 

BBC ALBA DOCUMENTARY TAKES A LOOK AT THE DISCOVERY OF GLASS PLATE NEGATIVES

OFFERING A GLIMPSE OF ISLAND LIFE 100 YEARS AGO

 

Dìleab Thormoid / Smile Please

BBC ALBA, Friday 21 February 2014 at 9.00 – 10.00pm

 

A compelling documentary on BBC ALBA will take a look at the discovery of a set of glass plate negatives which offers a glimpse of what island life was like 100 years ago.

The hour long documentary, ‘Dìleab Thormoid / Smile Please’ tells the extraordinary story of historic photographs and their photographer, Dr Norman Morrison.

Over 100 years ago, Dr Norman Morrison began photographing people in his home village of Shawbost on the west side of the Isle of Lewis, yet his work and life story has until now remained unknown.

His remarkable set of glass plate negatives dating back to the early years of the twentieth century, when Dr Morrison would have been in his late 20s, was discovered recently in a barn on the death of a local resident, perfectly preserved and of pin-sharp quality. The photographs are of individuals and families from the area and provide a fascinating insight into island life in the early 1900s.

Despite having only two years education in childhood, Norman went on to become a Dr of Science and fellow of the Zoological Society of Scotland and an expert on the adder, becoming known locally as ‘The Adder King’.

Perhaps best known as the co-founder of the Scottish Police Federation, Dr Morrison was also the author of five books covering the island’s history, folklore, zoology and politics.

The discovery of his photographs has led to renewed interest in Norman’s life and work. The Westside Historical Society has intellectual copyright over the negatives and a series of events in his home village was set up including wet Collodion glass plate photography workshops, a photographic exhibition and an intergenerational project, to ensure that his legacy is preserved for future generations.

The programme explores the photographic archive left by Dr Norman Morrison, his contribution to the development of herpetology in Scotland, and to the creation of the Scottish Police Federation.

‘Dìleab Thormoid / Smile Please’ was produced by Corcadal Productions for BBC ALBA and is being broadcast on Friday 21 February at 9pm.


BBC ALBA is available on the following platforms:

  • Sky 143 (UK)
  • Freeview / You View 8 (Scotland only)
  • Virgin Media 161 (UK)
  • Freesat 110 (UK)
  • BT Vision 8 (Scotland only)
  • Smallworld 170 (Ayrshire and North West England)
  • BBC iPlayer

 

BBC ALBA is run by MG ALBA in partnership with the BBC. MG ALBA is the operating name of Seirbheis nam Meadhanan Gàidhlig, the Gaelic Media Service. Find out more about MG ALBA and the partnership at www.mgalba.com or visit www.bbcalba.co.uk for scheduling and programme information.