“Coimhearsnachd, Dualchas is Turasachd na Gàidhlig” 2013

       Shawbost_Community_(c)_Daily_Record 

           Coimhearsnachd Shiaboist a’ togail duais,  “Coimhearsnachd, Dualchas is Turasachd na Gàidhlig2013

 Tha Comunn na Gàidhlig (CnaG) a’ cur meal-a-naidheachd air Iomairt Ghàidhlig Iar Thuath Leòdhais, Fòram Shiaboist agus Marina Mhoireach, Oifigear Leasachaidh na sgìre.  Chaidh  duais “Coimhearsnachd, Dualchas is Turasachd” a bhuileachadh air sgìre Shiaboist ann am farpais “Duaisean Gàidhlig na h-Alba 2013” a chuireadh air dòigh le Media Scotland le taic bho Bhòrd na Gàidhlig.

 Tha Duaisean Gàidhlig na h-Alba ag aithneachadh sàr oidhirpean is soirbheachadh ann an saoghal is cultar nan Gàidheal, agus iad a’ dèanamh follaiseach an saothair a thathar a’ dèanamh gus cor is dualchas a’ chànain a chumail suas.

 Chaidh Coimhearsnachd Shiaboist a chur air adhart airson na duais seo le diofar dhaoine, agus iad a’ togail air an t-sàr obair a tha a’ dol air adhart sa choimhearsnachd, gu sònraichte pròiseactan far a bheil an fheadhainn as òige agus feadhainn nas sine san sgìre ag obair còmhla air diofar phròiseactan. Bha deagh eisimpleir dhan seo aca far an robh a’ bhuidheann òigridh, “Tàirneanaich” is Comunn Eachdraidh an Taobh Siar a’ gabhail cuairtean, fad seachdain, air feadh na sgìre agus buill a’ Chomuinn Eachdraidh a’ mìneachadh dhan òigridh, ainmean is eachdraidh na sgìre dhaibh.  Chaidh bhideo a dhèanamh de na diofar chuairtean agus chaidh an reic gus airgead a thogail dhan Chomunn Eachdraidh.  Bha an òigridh an sàs anns a h-uile pìos den phròiseas ann a bhith a’ dèanamh a’ bhideo, a’ togail sgilean ùra bho eòlaichean.  Thairis air an dà bhliadhna a chaidh seachad bha Fòram Shiaboist air a bhith a’ cur diofar thachartasan air adhart sa choimhearsnachd, gu sònraichte dhan òigridh, ach cuideachd, coinseartan agus diofar bhùithtean-obrach do mhuinntir na coimhearsnachd. 

 A thuilleadh air coimhearsnachd Shiaboist a bhith a’ togail duais, “Coimhearsnachd, Dualchas is Turasachd” bha Iomairt Ghàidhlig Iar Thuath Leòdhais air ainmeachadh am measg nan trì tagraidhean a chaidh air adhart chun chuairt dheireannach airson, “Sàr Dhuais na Gàidhlig”.  Chaidh a chur air adhart airson an obair a tha e an sàs ann, aig ìre coimhearsnachd, an Iar Thuath Leòdhais, bho Nis gu Carlabhagh.  

 Thuirt Dòmhnall MacNèill , Ceannard ChnaG, “Tha mi airson meal a naidheachd a chur air Iomairt Iar Thuath Leòdhais, Fòram Shiaboist agus muinntir Shiaboist fhèin airson an duais a tha seo a thogail.  Tha mi a’ smaoineachadh gu bheil an eisimpleir a th’ againn ann an Siabost a’ sealtainn na ghabhas a dhèanamh ann an sgìre nuair a thèid goireasan a chuir innte agus air a tha deagh rùn aig buidhnean agus daoine a bhith ag obair còmhla gus maith na coimhearsnachd  is maith na Gàidhlig.  Tha seo cuideachd na dhearbhadh gu bheil na h-Iomairtean Gàidhlig, a th’ air am maoineachadh le Bòrd na Gàidhlig, ag obair, gu bheil iad èifeachdach agus gu bheil iad da-rìribh a’ dèanamh diofar anns na coimhearsnachdan. Tha mi a’ cur meal a naidheachd air Marina Mhoireach , Oifigear Iomairt Iar Thuath Leòdhais airson a h-obair an lùib na h-Iomairt.  Bu mhath leam cuideachd meal a naidheachd a chuir air a h-uile duine is buidheann eile a chaidh an cuir air adhart airson duais san fharpais.”

 Tha ochd Iomairtean Gàidhlig anis stèidhichte ann an diofar seòrsa choimhearsnachd air feadh Alba. Tha còig ann an sgìrean dùthchail, leithid Leòdhas, Uibhist, An t-Eilean Sgitheanach, Loch Abar agus Ìle is Diùra agus trì ann am bailtean mòra, Inbhir Nis, Glaschu is Dùn Èideann.  Bithidh gach Iomairt ga ruith le buidheann-stiùiridh le buill a’ tighinn bhon choimhearsnachd fhèin agus bidh iad a’ faighinn buidseat-leasachaidh agus ùine oifigear leasachaidh.

 Tha CnaG an ceartuair, le taic bho Bhòrd na Gàidhlig, Comhairle nan Eilean Siar, Comhairle Earra-Ghàidheal is Bhòid, Comhairle Baile Ghlaschu, agus Comhairle Baile Dhùn Èideann. a’ sireadh tuilleadh oifigearan òigridh is coimhearsnachd gus cuir ris an lìonradh.

 

                           Shawbost Community awarded “Community, Heritage and Tourism Gaelic Award” 2013

 Comunn na Gàidhlig (CnaG) congratulates Iomairt Ghàidhlig Iar Thuath Leòdhais, the Shawbost Forum and Marina Murray, the Development Officer on winning the “Community, Heritage and Tourism Gaelic Award” 2013.  This was awarded to the Shawbost Community at the inaugural Gaelic Awards ceremony held at the Royal Botanic Gardens in Edinburgh on 20th November.  

 The Gaelic Awards competition, which was organised by Media Scotland with support from Bòrd na Gàidhlig, looks to reward all aspects of the Gaelic language and culture across Scotland and to highlight the excellent work being undertaken.  Awards also recognise ability, achievement, contribution, effort and excellence.

The Shawbost Community received a number of nominations for the award especially for the inter-generational projects which have been undertaken as part of its work.  For example, the local youth group “Tàirneanaich” organised walks throughout the area with adults from Comunn Eachdraidh an Taobh Siar informing them of the history of the area and its placenames.  The whole process was captured on video which was sold to raise funds for the historical society.  Over the last two years the Shawbost Forum has run a number of events, especially for the younger members of the area, and also concerts and workshops for the whole community.

 Iomairt Ghàidhlig Iar Thuath Leòdhais was also one of the three finalists for the ‘Best Contributor” Award in recognition of the work done in the North Lewis area – from Ness to Carloway.

 Donald Macneil, the CnaG Chief Executive,  “I wish to congratulate  Iomairt Iar Thuath Leòdhais, the Shawbost Forum and the people of Shawbost themselves for this award.   I think the example of Shawbost shows us what can be done in a community when they are provided with the means and there is a willingness for organisations and individuals to work together for the benefit of the community and the Gaelic language.  This also proves that the initiatives which are funded by Bòrd na Gàidhlig, are effective and are making a difference in communities.  I wish to congratulate Marina Murray, the officer for Iomairt Iar Thuath Leòdhais for her work on behalf of the Iomairt. I would also like to congratulate all the other winners and nominees in the competition.”

 There are now eight Iomairtean Gàidhlig in different communities – five in rural areas such as Lewis, Uist, Skye, Lochaber and Islay and Jura as well as three in cities – Inverness, Glasgow and Edinburgh.   Each Iomairt is run by a committee with community representatives, a development budget  and a development officer. 

 CnaG, with support from Bòrd na Gàidhlig, Comhairle nan Eilean Siar, Argyll and Bute Council, Glasgow City Council, and Edinburgh City Council is currently seeking more youth and community officers to add to the network.