Brag 2013

brag12013

 

Chaidh cothrom a thoirt do òigridh bho Nis gu Balantruiseal agus Barabhais gu Càrlabhagh tighinn còmhla gus tachartasan spòrsail fheuchainn tro na saor làithean – agus abair gun gabh iad an cothrom!.  Chur Iomairt Gàidhlig Iar Thuath Leòdhais seachdain, ‘Brag’, air dòigh airson an ceithreamh bliadhna gus am faigheadh òigridh a thighinn còmhla gus beagan spòrs a dhèanamh, sgilean ùra ionnsachadh, diofar chur-seachadan fheuchainn agus cuideachd an cuid Ghàidhlig a cleachdadh agus a’ gleusadh ann an suidheachaidhean neo-fhoirmeil.

Ghabh iad pàirt anns na tachartasan a leanas: – bùth-obrach dealbhadh ‘s cruthachadh le Tiger Textiles far an d’fhuair buidheann Nis cothrom a dhol dhan tràigh air latha teth gus clachan a pheantadh agus bha buidheann an Taobh Siar ag obair sa stuidio air ‘wall blocks’ air an latha acasan.

Fhuair gach buidheann cothrom latha a chur seachad ag iasgachd air bàta ann an loch Erisort agus aig loch beag eile aig Murchadh Moireasdan ann an Keose.  Nar cuideachadh latha an iasgaich, bha Lewis MacChoinnich bhon gnìomhachas ‘Fish n trips’ agus Donnie is Tormod bhon Outer Hebrides Fisheries Trust.  Bha laithean brèagha ann leis a’ ghrian a’ dearsadh agus fhuair a h-uile duine cothrom air a’ bhàta a stùireadh agus rug a h-uile duine sa bhuidheann air rionnaich is saoithean agus chaidh crùbagan gu leòr fhaighinn sna clèibh a thog iad!  Aig an loch dh’ionnsaich iad mar a bhios tu a’ cur slat ri chèile agus fiùis mar a chuireas tu boiteag air dubhan!  Bha cuid nach robh ro dhèidheil air na boiteagan!

Goilf!  Dh’fheuch sinn tachartas ùr am bliadhna nuair a chaidh sinn chun a Bhac agus an ‘driving range’ ùr aca an sin.  Le taic is stùir bho Mairi NicIomhair, club Goilf Steòrnabhagh, chaith sinn ùine ag ionnsachadh mu dheidhinn an spòrs, mar bu choir dhut grèim a chumail air club agus a’ bualadh ball cho fad sa ‘s surrainn!

Chaidh an dà bhuidheann dhan chroit am bliadhna cuideachd!  Rinn a h-uile duine beagan obair air caora is cearcan – a’ glanadh taigh chearc; a’ cur peanta air uan agus an rud as fheàrr – eireagan beag fhaicinn agus a chumail; ‘s iad a bha snog!

Bha a h-uile pàirt den seachdain air an lìbhrigeadh tro mheadhan na Gàidhlig agus bha a’ chlann a’ bruidhinn Gàidhlig tron sheachdain ris a h-uile neach a thàinig ag obair leotha.  Chòrd an t-seachdain ris a’ chlann agus tha iad air leth taingeil dhan h-uile duine a chuidich le cuisean rè na seachdain.  Tha iad airson gum bidh barrachd cothroman mar seo ann anns an àm ri teachd.

‘S e cothrom air leth a bh’ann do òigridh le Gàidhlig a thighinn còmhla ann an ‘coimhearsnachd’ Gàidhlig agus an cànan a chleachdadh mar am prìomh dòigh chonaltradh.  Sheall e nach ann dìreach anns an sgoil a tha còrr aca a Ghàidhlig a bhruidhinn, ach gun ghabh e a chleachdadh anns gach suidheachadh.  Ionnsaich iad sgilean ùra, facail ùra agus tha iad nas tuigseal air an t-saoghail timcheal orra.

Chaidh an t-seachdain, “Brag” a chuir air dòigh le Iomairt Gàidhlig Iar Thuath Leòdhais agus chaidh na cosgaisean am pàigheadh le Comunn na Gàidhlig, Bòrd na Gàidhlig, agus Comhairle nan Eilean Siar.

brag32013

 

An opportunity was given to young people between Ness – Balantruiseal and Barvas –Carloway to come together and take part in some fun activities during the school holidays – and they certainly grasped the opportunity!  Iomairt Ghàidhlig Iar Thuath organised a week ‘Brag’ of activities, for the fourth year running, to enable young people to come together to have fun, learn new skills, try new activities and use and develop their Gaelic in relaxed, informal surroundings.

They took part in the following activities: – a design and make workshop with Tiger Textiles where the Ness group made the most of a hot day and took the workshop to the beach where we painted stones!  The Westside group spent the day in the studio creating very snazzy wall blocks on their day.

Each group also spent a day fishing on a boat out Loch Erisort and spent time at Murdo Morrisons loch in Keose.  Guiding us on the boat was Lewis Mackenzie from the business ‘fish n trips’ and from the Outer Hebrides Fisheries Trust were Donnie and Norman.  We had good weather both days with the sun shining, and everyone got an opportunity to steer the boat and everyone caught mackerel or saithe, plenty crabs were in the creels we lifted also!  At the loch they learned how to set up the rods and even how to bait them with worms.. Some were not very keen on the worms!

Golf!  A new activity for Brag this year, we went to Back to experience their new driving range. With help and guidance from Mairi Maciver, Stornoway Golf Club, we spent time learning about the game, how to hold a club and spent time trying to  hit the ball as far as we could!

Both groups spent a day on the croft this year too!  Everyone got their hands dirty working on the hens and sheep – cleaning the hen houses; putting mark on the lambs and the best part of all – holding newly born chicks!

Every part of the event was delivered through the medium of Gaelic and the young people conversed in Gaelic throughout the entire week.   The young people enjoyed the week and are grateful to everyone who came along to work with them.  They look forward to more opportunities like this in the future.

This was a fantastic opportunity for young people to come together and have their own Gaelic community.  It showed that Gaelic can be used in every situation and not only in school.  They learned new skills, new vocabulary and are more aware of the world around them.  They received certificates for taking part in the week also!

‘Brag’ was organised by the Iomairt Ghàidhlig Iar Thuath Leòdhais and was funded by Comunn na Gàidhlig, Bòrd na Gàidhlig and Comhairle nan Eilean Siar.