Tairneanaich a’ beicearachd

Tairneanaich a' beicearachd

Tha dùil aig am buidheann òigridh Tàirneanaich a th’air an ruith le Iomairt Ghàidhlig Iar Thuath Leòdhais, an dùil an dealbh chluich aca ‘Suirghe ann an Siabost’ a thoirt chun Mhòd Nàiseanta ann am Pàislig san Dàmhair am bliadhna. Tha a’ chlann fhèin air a thighinn an àirde le dòighean gus airgead a chruinneachadh airson an turais agus ag obair còmhla ri Marina Mhoireach gus na pròiseactan beaga sin a choileanadh.

Bho chionn ghoirid, chaidh tachartas bèicearachd a chur air dòigh as dèidh na sgoile, dh’ullaich a’ chlann rockbuns, krispy cakes,malteser cakes agus cupcakes. Fhuair iad stiùireadh agus cuideachadh bho Karina Mhoireach, tè a tha gu math ainmeil airson na sgilean bèicearachd aice. Reic a’ chlann am bèicearachd an ath latha anns an sgoile gus airgead a thogail.

Bha seo gu lèir air a dhèanamh tro mheadhan na Gàidhlig gus cothrom a thoirt don chloinn an cuid Gàidhlig a leasachadh ’s a leadachadh anns a’ choimhearsnachd.

Cùm sùil a-mach airson gnìomhan Tàirneanaich sna mìosan ri thighinn, is iad gu bhith gu math trang!

Shawbost Bake Sale

Gaelic youth group Tàirneanaich, rùn by Iomairt Ghàidhlig Iar Thuath Leòdhais, hope to travel to the National Mod in Paisley this year to perform their play ‘Suirgh ann an Siabost’. The children  have come up with various fundraising ideas themselves to raise money for the trip and are working with Marina Murray to accomplish these activities.

Recently an event was organised by the Iomairt where the group were given guidance by well known cake designer Karina Murray, on how to bake cup cakes, rock buns, malteser cakes and krispie cakes.  The children successfully sold the baking the following day during break times in school to raise funds.

This was all delivered through the medium of Gaelic which helps to develop language skills and gives the children the confidence to use Gaelic in an informal community setting.

Keep an eye out for more of Tàirneanaich’s activities over thè coming months, they’re going to be busy!