A’ Chiad Bliadhna de Sradagan

slider5

Tha sinn air tighinn gu deireadh a’ chiad bliadhna de Sradagan an Taobh Siar agus abair gu bheil tòrr spòrs air a bhith againn!  Tron bhliadhna, bha cothrom aig an òigridh an cuid Gàidhlig a chleachdadh tro seisean airson spòrs agus fealla-dhà le caraidean.  Am measg nan tachartasan againn, bha sinn a’ cluich ball-coise, a’ dèanamh quiz, geamannan Olympaig le Jenny Nic an t-Sagairt agus rinn sinn dannsa ceum le Jayne à Nis, bha tòrr ealain againn cuideachd, gu h-àraidh aig Àm na Nollaige, Latha Naomh Valentine agus aig Àm na Càisge.

Airson deireadh a’ chiad bliadhna a chomharrachadh, chaidh sinn air turas a Nis.  Nuair a ràinig sinn air latha soilleir, blàth, chaidh sinn chun na pàirc-cluiche agus chòrd e ris a h-uile duine a bhith air na dreallagan.  Às dèidh seo chaidh sinn suas an rathad gu Spòrsnis airson beagan bòbhladh ‘s fhuair sinn cothrom geamaichean a chluich sa thalla.  Mus do dh’fhàg sinn Nis, fhuair sinn biadh air leth agus BBQ againn aig Comunn Eachdraidh Nis – abair gun deach ar lìonadh!

Chòrd an latha ris a h-uile duine agus bu mhath leinn taing a thoirt dhan a h-uile duine a thàinig agus dhan a h-uile duine a thug cuideachadh dhuinn!

An ath bhliadhn’, tha sinn an dòchas cumail ris an structar a th’ againn an-dràsta le geamannan agus ealain.  Taing mhòr dhan a h-uile pàrant a thàinig gach oidhche airson ar cuideachadh!

 DSC00644

 

We have come to the end of our first year as Sradagan an Taobh Siar and what a fun year it’s been!  Throughout the year we have met to speak Gaelic and have fun and laughter with friends. Every week was different, we played football, had a quiz night and we even had an Olympic night with Jenny MacTaggart and enjoyed learning some dancing with Jayne from Ness along with arts and crafts evening with themed nights such as Christmas, Valentine’s Day and Easter.

To celebrate the end of our first year, we went for a trip to Ness!  First stop in Ness, on a lovely warm day was the playpark and everyone enjoyed their time on the swings, flying fox and climbing frames!  After the park, we went to Spòrsnis for some bowling and to play some games in the hall.  Before leaving Ness, we had a BBQ at Comunn Eachdraidh Nis with plenty tasty food!  Everyone enjoyed the day and we would like to thank those who helped out!

We hope to keep the same structure next year with games and arts & crafts amongst other activities.  Thank you to all the parents that volunteered to help run Sradagan on Monday nights!