Càisge Chruthachail aigTàirneanaich!

Buidheann-air-an-tràigh

Buidheann air an tràigh

Chaidh cothrom a thoirt don bhuidheann òigridh Ghàidhlig, ‘Tàirneanaich’ a thighinn còmhla gus tachartasan spòrsail fheuchainn tro saor làithean na càisge – agus abair gun do ghabh iad an cothrom le ‘treasure hunt’ mòr ann am baile Shiaboist!  ‘S iad Iomairt Gàidhlig Iar Thuath Leòdhais a chuir ab latha spòrsail, fiosrachail sa air dòigh gus am faigheadh an òigridh tighinn còmhla gus beagan spòrs a dhèanamh, sgilean ùra ionnsachadh agus an cuid Gàidhlig a cleachdadh agus a’ gleusadh ann an suidheachaidhean neo-fhoirmeil.  Se buidheann stèidhichte a tha ag obair air diofar phròiseactan, tron Ghàidhlig, às dèidh na sgoile agus air na deireadh sheachdainean, ann an Siabost a th’ ann an Tàirneanaich”.

Choinnich ‘Tàirneanaich’ tràth còmhla ri oifigear na h-Iomairt, Marina Mhoireach is iad air an deisealachadh le mapaichean airson a dhol timcheall baile Shiaboist ann an dà bhuidheann a’ lorg ceistean a bha air an cur a-mach air feadh a’ bhaile.  Bha latha brèagha ann leis a’ ghrian a’ deàrsadh fhad ‘s a bha an òigridh ag obair còmhla gus na ceistean a lorg sa chiad dol a-mach agus an dèidh sin nam freagairtean a sgrìobhadh.  Bha feadhainn anns a’ choimhearsnachd fhèin an sàs – thàinig air a’ chlann tadhail air 4 taighean sa’ bhaile gus freagairtean fhaighinn a-mach!  Fhuaireadh a-mach reasabaidh pancakes bho Anna agus ainm an cù as sine aig Calum!

An dèidh lòn, chaidh bùth-obrach a chumail le Alison bho Tiger Textiles agus còmhla rithe, chruthaicheadh, ‘juggling chickens!’a bha gu math furasta a dhèanamh an dèidh beagan stiùireadh air fuaigheal.

‘S e cothroman cudromach a tha seo do dh’òigridh an cuid Gàidhlig a chleachdadh taobh  a-muigh na sgoile anns a’ choimhearsnachd aca fhèin agus cuideachd a bhith a measgachadh leis na ginealaich as sine.

Còmhla ri Calum & Dan an Cù!

Còmhla ri Calum & Dan an Cù!

Easter Fun for Tàirneanaich!

Gaelic youth group ‘Tàirneanaich’ were given the opportunity to meet over the Easter break and take part in fun activities. Iomairt Gàidhlig Iar Thuath Leòdhais organised a treasure hunt in Shawbost. This proved to be both informative and enabled the children to use and develop their Gaelic in an informal setting whilst learning new skills and having lots of fun. Tàirneanaich are an established community youth group who meet after school and at weekends in Shawbost.

Tàirneanaich met with Marina Murray (Initiative Officer) early in the day in order to prepare for the treasure hunt.  They organised themselves into two groups, studied maps and then set off to find the questions that had been left at different locations throughout the village.  The sun was shining as the children worked together, finding the questions and then jotting down the answers. Some of thè questions led thè groups to visit several houses in the community seeking answers.  Anna provided them with a pancake recipe and Calum told them the name of his oldest dog!

A workshop was held after lunch with Alison from Tiger Textiles. After some instruction and sewing tuition from Alison, the young people made  ‘juggling chickens’!

These type of events are very important as they provide an opportunity for young people to use Gaelic outwith the school setting, in their own community with members of the older generation.

Na cearcan!

Na cearcan!