Leasachadh Gàidhlig anns a’ choimhearsnachd

Leasachahd Gàidhlig - Film GThòisich Marc Mac a’ Ghobhainn a bhuineas do bhaile Shiaboist (16) air Duais Diùc Dhùn Èidinn ‘s t-samhradh a chaidh, agus ghabh e cothrom air an taic a tha an Iomairt a’ toirt do buidheann fosgailte An Taobh Siar ann a bhith a’ cruthachadh chothroman air a’ Ghàidhlig a chleachdadh mar phàirt den iomairt aige fhèin an Duais a ghlèidheadh.

Le taic bho Stephan MacLeòid, a bha ag obair aig Ionad Ioma Mheadhan Roinn Foghlaim is Seirbheisean Chloinne na Comhairle air Sgeama Greis Gnìomhachais Chomunn na Gàidhlig,  rinn Marc film goirid mun iomairt Ghàidhlig a tha a’ gabhail àite ann an Iar Thuath Leòdhais agus gu sònraichte an t-suidheachadh ann an Siabost.

‘S ann aig toiseach na bliadhna a thàinig Marc gu Marina Mhoireach, Oifigear na h-Iomairt, le beachd gun robh e airson am film a chur a-steach gu farpais FilmG.  Mar a mhìnich Marina:

“Rinn Marc obair mhath dha rìreabh air am film agus nuair a chunnaic sinn gur e ‘Miann’ aon de na cuspairean ann am farpais na bliadhna sa, smaoinich sinn gum biodh e gu math iomchaidh am film a chur a-steach dhan fharpais.  Agus abair gun do rinn sinn gàirdeachas nuair a chuala sinn gu robh Marc air a’ gheàrr-liosta a ruighinn – agus ann am farpais nan inbheach!”

Thuirt Marc:

“Bu mhath leam taing a thoirt do dh’ Iomairt Ghàidhlig Iar Thuath Leòdhais agus Comhairle nan Eilean Siar airson an taic a thug iad dhomh agus airson an uidheamachd clàraidh a thoirt dhomh air iasad.  Cuideachd, bu mhath leam taing a thoirt do Choinneach Stiùbhart aig Moja Earranta a chuidich leis an obair-gearraidh.  Tha mi gu mòr a’ coimhead air adhart ris an turas a Ghlaschu agus ris a’ chuirm fhèin”.

Leasachadh Gàidhlig anns a’ Choimhearnachd le Iomairt Ghàidhlig Iar Thuath Leòdhais from FilmGAlba on Vimeo.

Developing Gaelic in the community

Mark Smith (16), from Shawbost, embarked on the Duke of Edinburgh Awards Scheme in the summer of 2012 and he grasped the opportunity to develop his Gaelic as part of the skills required to gain the award through spending time with the Shawbost Open Group which are supported by the Initiative.

With additional assistance from Stephen MacLeod, who was working as part of Comunn na Gàidhlig’s Summer Placement scheme within the Multimedia Unit of the Comhairle’s Education and Children’s Services Department, Mark produced a short film about the Gaelic development work which is taking place in the area, and in particular in Shawbost.

It was only at the turn of the year that Mark approached the Initiative’s Officer, Marina Murray, to express his interest in entering FilmG as well as using the resource on this website.  As Marina explained:

“Mark did a great job of the film and when we saw that ‘Desire’ was one of the topics featured in this year’s competition we thought it fitted in nicely to what Mark had produced.

And we were absolutely over the moon when we found out Mark had been shortlisted – in the adult’s competition!”

Mark said:

I would like to thank the West Side of Lewis Gaelic Initiative and Comhairle nan Eilean Siar for the support given to me and for the loan of the recording equipment.

I would also like to thank Kenny Stewart at Moja Limited who undertook the editing of the film.  I am really looking forward to going to Glasgow and especially to the awards ceremony.