Buidheann Ùr – Sradagan An Taobh Siar!

Sradagan Taobh Siar Leòdhais

Tha Iomairt Gàidhlig Iar Thuath Leòdhais air buidheann òigridh ùr a steidheachadh air an Taobh Siar.  Is e buidhnean coimhearsnachd tro mheadhan na Gàidhlig do chloinn aois 5-12 bliadhna a tha ann an Sradagan agus tha lionradh ann dhiubh air feadh Alba.  Tha am buidheann a’ coinneachadh gach Diluain eadar 6.00-7.30f ann an Sgoil Shiaboist gach seachdain.  Bha còrr air fichead duine cloinne an làthair a’ chiad oidhche le clann ann bho Sgoil Chàrlabhaigh, Sgoil Shiaboist agus Sgoil An Taobh Siar is iad a’ cluich diofar gheamannan, mòran spòrs is a’ cur eòlas air a chèile.

 

Tha Sradagan a’ toirt cothrom do chloinn an sgilean Gàidhlig a leasachadh an co-chomann le òigridh eile. Tha seo gu sònraichte cudromach do chloinn nach eil an lùib a’ Ghàidhlig ach a-mhàin sa sgoil fhèin.

 

Ma tha Gàidhlig gu bhith beò na cànain làitheil, feumar a cleachdadh taobh a-muigh ar sgoiltean agus nar coimhearsnachdan.  Tha foghlam tro mheadhan na Gàidhlig anabarrach cudromach dhan Ghàidhlig san àm tha romhainn agus tha buidhnean nan Sradagan na innleachd taice tha deatamach do dh’fhoghlam agus iad a’ dèanamh dhrochaid eadar sgoiltean is a’ choimhearsnachd. Tha clann gam misneachadh gu bhith cleachdadh an Gàidhlig ri diofar dhaoine an diofar shuidheachaidhean agus earbsa ghlacadh nan comas Gàidhlig a chur gu feum. Feumaidh an cleachdadh a bhith cur na Gàidhlig gu feum taobh a-muigh a’ chlas a bhith stèidhichte mus fàg clann an sgoil.

 

Ma tha ùidh aig pàrantan anns a’ choimhearsnachd agaibh ann an leithid de bhuidheann a stèidheachadh, leigibh fios thugainn aig Comunn na Gàidhlig.  Thèid coinneamh an uairsin a chur air dòigh airson fiosrachadh agus stiùireadh a thoirt dhuibh ann a bhith a’ stèidheachadh na buidhne.  A thuilleadh air a’ bhuidheann ùr air taobh siar Leòdhais, tha buidhnean air ùr thòiseachadh ann Obar Pheallaidh agus Grianaig o chionn ghreis. Thathar an dòchas gum bi Dùn Èideann tòiseachadh air ais a dh’aithghearr.

 

West Sìde of Lewis Sradagan

Iomairt Gàidhlig Iar Thuath Leòdhais has established a new youth group on the Westside of Lewis.  Sradagan are community groups which operate through the medium of Gaelic for children aged between 5-12 years old and there is a network of groups throughout Scotland.  The group will meet every Monday from 6.00-7.30pm at Shawbost School.  More than 20 young people attended the first time the group met last week coming from Carloway School, Shawbost School and Sgoil An Taobh Siar where they got to know each other and took part in various games and other activities.

Sradagan provides an opportunity for children to develop their Gaelic language skills in a social setting. This is particularly important for children whose only other exposure to Gaelic is in School.

If Gaelic is to continue as a ‘living’ language it has to be used outwith our schools and in our communities. Gaelic medium education is of immense importance to the future of Gaelic and Sradagan groups are an essential support mechanism for education, acting as a bridge between schools and the community. Children are encouraged to use their Gaelic with a variety of people in a variety of settings and gain the confidence in their ability to use Gaelic. The habit of using Gaelic outwith the classroom must be established before children leave school.

If parents and children in your community are interested in forming such a club, let us know at Comunn na Gàidhlig. A meeting will then be held with you, to give you the relevant information and guidance necessary for the establishment of the club.  As well as the recently formed Sradagan an Taobh Siar, new Sradagan groups have recently started in Aberfeldy and Greenock and it is hoped Edinburgh will restart soon.