Plana Gàidhlig Shiaboist ga chur air bhog

Graphic: Fòram Gàidhlig Shiaboist, Ionad na Seann Sgoil

Thèid Plana Gàidhlig Shiaboist a chur air bhog Disathairne 26 Cèitean!

Mar a bhios fios agaibh, chaidh am Plana a chur ri chèile gus tachartasan Gàidhlig a chur air dòigh sa bhaile gus ìre cleachdaidh na Gàidhlig a leudachadh agus àireamh luchd-labhairt na Gàidhlig san sgìre àrdachadh.

Thèid am plana a chur air bhog Disathairne 26mh Cèitean le Alasdair Allan BPA (Eileanan an Iar) , Ministear airson Ionnsachadh is Sgilean le uallach cuideachd airson Gàidhlig is Albais, san Riaghaltas Albannach.

Nas fhaide air adhart air an fheasgar sin, thèid cuirm-chiùil a chumail an Ionad na Seann Sgoile, Siabost gus seo a chomharrachadh.

Bidh seo aig 7.30f agus tha fiathachadh aig muinntir na sgìre air fad chun na cuirm-chiùil sa agus tha fàilte chridheil a’ feitheamh oirbh uile.

Tha a’ chuirm-chiùil an-asgaidh ged a bhithear a’ cruinneachadh airgead airson a’ charthannais, ‘MacMillan Nurses’ air an oidhche.

Tha sinn an dòchas gun tig sibh uile còmhla rinn airson na h-oidhche shònraichte seo.

Am measg nan seinneadairean agus an luchd-ciùil bidh:

  • Clann-sgoile Shiaboist
  • Ness Melodeon Band
  • Steven MacÌomhair
  • Dòmhnall Angaidh MacMhathain
  • Kayanna Mhoireasdan agus mòran eile

Tuilleadh fiosrachaidh aig www.siabost.co.uk

The new Gaelic Plan for Shawbost will be launched on Saturday 26th May!  

As you will know, the plan was prepared to increase the level of Gaelic activities in the area providing more opportunities for the community to speak Gaelic and to increase the number of Gaelic speakers in the area.  

The Plan will be officially launched on Saturday 26th May by Alasdair Allan MSP, Scottish Government Minister for Learning and Skills with responsibility for Gaelic and Scots.  

Later on that evening a concert will be held at Ionad na Seann Sgoile, Shawbost to celebrate the launch of the Plan.  

The concert will begin at 7.30pm and we look forward to seeing the entire community at the event.  Admission to the concert is free although a collection will be made in aid of Macmillan Nurses.  

We hope you are able to join us for this special evening.  Among the performers on the evening will be:  

  • Shawbost School pupils
  • Ness Melodeon Band
  • Steven Maciver, Poolewe
  • Dòmhnall Angie Matheson
  • Kayanna Morrison, Barvas and many more.

For more information please visit www.siabost.co.uk